'S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: Calum Ros, Carol Nic a' Bhreatannaich, fionnlagh macIllFhinnein, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, Mairead agus Donaidh MacLeòid, Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist), na h-Òganaich agus raghnall moireach.

This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: Calum Ros, Carol Nic a' Bhreatannaich, fionnlagh macIllFhinnein, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, Mairead agus Donaidh MacLeòid, Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist), na h-Òganaich and raghnall moireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S fhada leam an oidhche gheamhraidh,
'S fhada 's fhada 's fhada leam i,
'S O, chan fhaic ach prèiridh lom mi;
Cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh mi.

Sèist / Chorus

Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas.

'N àm don fheasgar bhith ri ciaradh
'S tric a bhios mo chridhe cianail
Cuimhneachadh g' eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leamh dhol a chèilidh.

Chan ann a lùchairt mhòir nan cùirtear
Ach don bhothan thughaidh shùgrach,
Teine mònach air an ùrlar
'S luchd mo rùin-sa cruinn a' cèilidh.

Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil,
Nam biodh bunag chrèathadh 's ceò ac',
Bhiodh na brogaich snìomh nan snòta
Air glùin rùisgte, siud an dòigh orr'.

Bhiodh seann shaighdear nan ciad cruaidh-chath
'S leis a' chlobha anns an luath aig'
Dealbh dhuinn mar a thug a' bhuaidh iad
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.

Bhiodh seann sheòladair 's air stòl e
'S cha robh cuan no loch nach d' sheòl e;
'S nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheigheadh ga èisteachd.

Ach sgap an comann, sgaoil na fiùrain,
'S tha gach sgeulaiche 's an ùir air,
Chunnaic mise cridheil, sùrdail,
'S O, mo dhùrachd, bhith gan èisdeachd.

Ach càite nis a-nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a' phrèiridh,
'S O chan fhaic mi 'n àm dhomh èirigh
'N àirde 'g èirigh ceò na mònach.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha bàrdachd agus òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain rin lorg ann an dà leabhar An Toinneamh Dìomhair (Gazette Steòrnabhaigh, 1973) agus Dàin Mhurchaidh (An Comunn Gàidhealach, 1986)

Seinneadairean / Performers

Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)

Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)

Rugadh Murchadh MacPhàrlain air an latha a chaidh a' Bhanrigh Bhictoria a thiodhlacadh, 15 Gearran, 1901, ann am Mealabost, Leòdhas, am baile as na chuir ...

Fiosrachadh air Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) / Learn more about Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)
Calum Ros

Calum Ros

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...

Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum Ros
Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.