'S e Mo Bheachd Ort, A Bhàis

Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e mo bheachd ort, a bhàis, gu bras thu ri pàirt,
'S gur teachdaire, làidir, treun thu;
An cogadh no 'm blàr cha toirear do shàr,
'S aon duine cha tàr do thrèigsinn.
Gun tug thu an-dràst' dhuinn buille no dhà,
Chuir eaglaisean bàn is foghlam;
Is fhurast' dhomh ràdh gur goirid do dhàil,
'S gur tric a' toirt beàrn nar Clèir thu.

Bhuin thu rinn garbh mun dithis seo dh'fhalbh
Nuair ruith thu air lorg a chèil' iad;
Cuime nach d' fhàg thu bhuidheann a b' àirde
A bhiodh do chàch ro fheumail
A' bhruidhinn a b' fheàrr a' tighinn om beul,
'S an cridheachan làn de reusan,
Chaidh gibhteachan gràis a mheasgadh nan gnàths
'S bha 'n cneasachd a' fàs da rèir sin.

Tha 'm bàs os ar cinn gar glacadh le tinn,
'S le fradharc ar cinn cha lèir e:
Ach tha glaodh aig' cho cruaidh 's gum faodadh an sluagh
A chluinntinn le cluasaibh reusain:
Nach dearc sibh a chùl is fear aig fo iùil,
'S e sealltainn le shùil gu geur air;
An-diugh ciod am fàth nach biodhamaid air gheàrd,
'S gun bhuin e ar nabaidh an-dè uainn.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Chaidh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.