Òran air a sgrìobhadh le: blàr dùghlas agus air a sheinn le: Art MacCarmaig agus Màiri Anna NicUalraig.
This is a song written by: blàr dùghlas and sung by: Art MacCarmaig and Màiri Anna NicUalraig.
Tha do shùilean a' tàladh mar fhàil òir
Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir
'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a' chuan
O Mhàiri Eilidh, 's tu mo rùn.
'S bi gillean a' bhaile a ràdh, "Tha thu faoin
chan eil i ach mar nathair a mealladh gun smaoin"
Ach tha mo dhìlseachd cho domhain gun ghrunnd
Gun fhois, gun iomall, gun chadal, 's gun sunnd.
Sèist / Chorus
'S g' e daor do phògan 's cruaidh do chridh'
'S g' e daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m' anam gun sìth
'S g' e daor do phògan leanaidh mi.
On a chunnaic mi do mhaise tha m' aigne gun tàmh
Long mo thuigse gun shéol 's gun ràmh
'S ged tha mi a' tagradh cha ghabh thusa ùidh
O Mhàiri Eilidh, eil mi ruith na gaoith?

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig
Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Màiri Anna NicUalraig / Learn more about Màiri Anna NicUalraigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.