Ruaraidh Iain Thàilleir

Òran air a sgrìobhadh le: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: Kathleen NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: Kathleen NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S mi gad fhaicinn an-dràst', do dhealbh mu m' choinneamh,
'S fhad' a-nis thu nad laighe bho raointean na Fraing;
'S beag a dh'fhios bh' agam fhìn nuair a fhuair mi d' eòlas
Gun do ghabh thu dhan dìon, olc is uabhan aig daoin'.

O 's beag a bha dh'fhios 's na làithean òg sin an Uibhist
Nuair bha 'n ùine cho luachmhor is beatha cho slàn.
Agus dè shaoil thu fhèin nuair a chuir an Rìgh fios ort
Cogadh gad fheitheimh, an cladach ri d' chùl?

Seall mi an-dràst', mo bheatha mu m' choinneamh,
Mo theaghlach nach d' rugadh dhan t-saoghal-s' tha meallt'.
Tha 'n galar air tilleadh, tha e fàs gu ar milleadh
Mar chearcall timcheall ar n-eilean a-rithist.

'S mi gad fhaicinn ann fhathast, do dhealbh mu m' choinneamh,
Aodach an airm is coltas a' bhlàir.
Cha do dh'atharraich an saoghal, O Ruaraidh Iain Thàilleir,
Bidh againn ri fulang; tha thusa nis saor.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an leabhar Flower of the West – The Runrig Songbook air fhoillseachadh le Ridge Books, Obar Dheathain, 2000.

Seinneadairean / Performers

Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.