Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
Sèist / Chorus
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean?
An cuala sibh gun d' fhuair e leannan?
Ged nach robh e mìos bho bhaile
Tè gun fhacal Gàidhlig.
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean?
Cha robh innt' co-dhiù ach liùireach
Nach robh eòlach air an dùthaich,
Loisg i casan chun nan glùinean
Dhrùidh i phrais bhuntàt' orra.
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean?
Cha robh innt' co-dhiù ach flirt
Bha i dèidheil air na fleasgaich,
Thug e suas i don fiscal
Dh'insult i a mhàthair,
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean?
Thug e suas i dhan a' phoileas,
Sgannal bhreug is dìorras conas,
O mar tèid a' chùis am feabhas
Tha divorce an dàn dhaibh,
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean!
Cha robh innleachd fon ghrèin aic'
Air an càradh i a lèine,
'S ann a bha i leis an dèideadh
Lumbago na cnàmhan.
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean?
'S gur e b' ainm dhi Catrìon' Ina,
Mary, Maggie, Kate, Maria,
Isabella, Phyllis, Ida,
Lisa MacPhàrlain;
O saoil sibh nach b' e an laochan Ailean!

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...
Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.