Piseag Fear Cheòis

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

This is a song written by: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Chan aithnichinn idir a' Phiseag à Ceòs
Gus an t-seachdain a chaidh 's sinn ag òl san taigh-òst'
Nuair a thàinig e bhruidhinn, is dh'fhaighnich e dhòmhs'
'M b' aithne dhomh cuilean a thrèanaigeadh
Matha tha mi 'n dùil, 's e 'n t-ionnsachadh òg.

Gur dè ars esan bhios agad ri òl
'N gach thu tè ruma, tè bheag no tè mhòr,
G' eil mis' as an dachaigh a bh' aig m' athair an Ceòs
Caoraich 's airgid gu leòr agam
Matha tha mi 'n dùil, nach gabh inn tè mhòr.

Thòisich mis' agus esan ag òl
Far an d'fhuair Mac na Banrìgh 'm branndaidh ri òl
Thòisich a' bhruidhinn, bha seanchas gu leòr
Bha sin agus òrain math Ghàidhlig ann
Matha tha mi 'n dùil, bha neart san tè mhòr.

Nuair dh'fhalbh esan dhachaigh bha car math na cheann
Dol a-mach air an doras oidhche mhath dh'èigh e rium
Chi mi thu dh'aithghearr, 's bidh 'n cuilean air sreang
Cuimhnich gun gheall thu a thrèanaigeadh
Matha tha mi 'n dùil, nall leis a' chù.

Nuair ràinig mi dhachaigh air feasgar Diluain
Mi sgìth a dh'obair air bàta làn guail
Nuair chaidh mi gun doras a b' fhaisg air a' chruaich
Bha 'n cù an sin ceangailt' is bhìd e mi
Matha tha mi 'n dùil, cuilean fear Cheòis.

'S gum b' ann air Diluain a chaidh falbh leis a' chù
Chaidh e air carbad nuair a dh'fhalbh Mac an Diùc
Cha robh dùil 'am idir gun tilleadh e 'n taobh-s'
Ach thill, rinn e cron agus sgiùrs' 'ad e
Matha tha mi 'n dùil, cuilean fear Cheòis.

'S ma thachras a' Phiseag riumsa gu bràth
Gheibh e sgal dha mi theanga, ach cha thog mis làmh
'S ann thèid sinn gu drama, 's e sin fad as fheàrr
'S bidh òrain shuigeartach Ghàidhlig ann
Matha tha mi 'n dùil, 's cha bhi guth air a' chù.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.