Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil.
This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil.
Gu seinn mi 'n duan, tha m' inntinn suas,
Mo ruinn gu fuaigh mi còmhla iad;
Cha smaointean truagh no taoim gu tuasaid
Dhùisg san uair gu òran mi;
Is ann am briathran rianail saor
Gu seinn le caoin mo sheòrsa mi
Mu Pheighinn nan Aoireann, cluain mo ghaoil,
Far 'n d' fhuair mi 'n aoigh nam òg-phaiste.
Gur iomadh uair 's mi thall thar chuan
A chùm e suas mo shòlas dhomh
Bhith ort a' bruadar, 's rè mo shuain
Bhith leum mud bhruachan neòineanach;
B' e triall gad ionnsaigh riamh mo dhùrachd -
'S ann bu dùthchas dhòmhs' a bhith -
'S bhon fhuair mi ann, gur buan an call
Mur luaidh mi rann den òran air.
Gur machrach, diasach, fasgach, feurach,
Glacach, lèanach, leòideach e,
'S le beairteas lìont' tha a bhreac-ùir mhèath,
'S tha tacs' a shìol an eòrn' innte;
'S gum b' ait leam riamh 's an dealt san fheur,
Air madainn ghrianach, reòthtanach,
Bhith gabhail sràid air blàr nam flùr -
Tha a' fàs ann grunn de sheòrsachan.
Tha fàs air biadh am bàrr nan dias ann,
Grànach, sìolmhor, pòr-phailteach;
Tha sàth gach eun ann saor bho phian
'S tha daoine fial' a' còmhnaidh ann -
Gach aon gun sprochd gun lochd do a nàbaidh,
Nochdar bàidh don deòraidh ann,
'S clann-nighean choibhneil, grinn nan gnùis ann,
Loinn os cionn gach òigh orra.
Tha blàthan maoth a' fàs air raoin ann,
Slàn-lus, caor is neòinein ann;
Tha luachair uain' ann 's cluaran craobhach
'S buainear fraoch Chloinn Dòmhnaill ann;
An tùs a' Mhàigh 's am blàr fo dhriùchd,
Bidh seillein sunndach, crònanach
A' ruith le srann bho phlannt gu flùr,
A' càrnadh sùgh nan reòtht-làithean.
Gur brèagh' a' fuaim gu miann mo chluasan
Gàir a' chuain sna h-òban ann,
'S nuair theachdas gruaim le neart bhon tuath
Bidh slaic nan stuagh sa Chròic againn:
Gur copach, crùnach, cnocach, lunnach,
Teachd nan srùladh ròmhanach,
Le smuais an neairt a' gleac ri tìr
Le sgailc den cìrean ceòthanach.
Gur sìlteach cùbhraidh mil sna flùrain,
Àileadh miunnt is ròsan ann,
'S bidh 'n uiseag bhinn le grinn-ghuth ciùin
A' ceileir ciùil an còmhnaidh ann;
Tha ionad-dìon bho shian aig sprèidh ann,
Seasgair, grèidhte, leòr-uisgeach,
'S ni breac an t-sàile tàmh na bhùrn
Mu snàmh e dh' ionnsaigh mòintich às.
Thar lunn an t-sàil' thig iunnrais bhlàth air
'S lùbaidh bàrr na feòrnan dhi
'S le binn-ghuth fann sa Bhealltainn Mhàigh
Bidh allt a' gàir feadh dhòrnag ann;
E null 's a-nall feadh chùiltean cam
Gu lunnach, labhrach, ceòlmhorach,
'S e ruith gu siùbhlach, sunndach, rèidh
'S thig sìol an èisg gu beò-bheath' ann.
Ged leanainn bliadhn' air sgrìobhadh sìos
Chan innsinn trian na còrach dhuibh;
Tha maise an àit' bho thràigh gu sliabh -
Gu bràth cha snìomh mi còmhladh e;
'S gun dùin mi 'n dàn le dùrachd bhlàth
Don h-uile càrn is lòn a th' ann;
Tha spèis aig càch dha, seud an àigh
'S e reul gach àite-còmhnaidh e.

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san ...
Fiosrachadh air Gillebrìde Mac Ille Mhaoil / Learn more about Gillebrìde Mac Ille MhaoilCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.