Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacCoinnich agus air a sheinn le: Calum Camshron (Eilean Shòaigh).
This is a song written by: Murchadh MacCoinnich and sung by: Calum Camshron (Eilean Shòaigh).
Nach cianail tha mi fhìn 's mo Dhòmhnallan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e,
Gun neacha beò bhith tighinn nar còir
Mus dig Mac Còrn a shealltainn oirnn;
A Rìgh, gur seachdain liom gach latha
Gos an dig blàths an t-samhraidh oirnn,
An uair a bhios na gillean òga
Tighinn air tòir nan gamhnaichean.
Siud far an robh an seòid -
Na dròbhairean nuair ghluaiseadh iad,
Na Bàideanaich bho sliabh gu tràigh
'S an Clàrca na dhuin-uasal' orr';
Bha MacPhàrlain is MacMhaoilein
'S Mac an t-Saoir à Ruadhain ann,
'S ma sheasas iad aig tòir na prìs
Cha fheàrr a' righ nan tuathanach.
'S bha iomadh glòir ann an Gleann Smeòil
Nuair thigeadh oirnn an samhradh ann -
A' ghrian mar òr dol sìos fo sgleò
Is ceòl an crò nan gamhnaichean;
Bhiodh iomadh spòrs aig sean is òg
'S bu shòlasach bha 'n danns' aca;
Bhiodh iasg is feòil ri dìosgail bhòrd
Bha sùgh an eòrn' is branndaidh ann.
Siod far a robh na balaich ghasta
Chridheil thapaidh sheannsgeulach,
'S nuair thigeadh iad air tòir nam mart
Cha bhiodh an achlais gann aca;
S O, bu toigh liom a' fear fialaidh
A bha riamh mar shamhl' orra -
Le osan geàrr is fèileadh-beag
Is daor a chuir e Chaingeis orr'.
Cuspair an Òrain - Dròbhairean
B' e Fèill na h-Eaglaise Brice am prìomh fhèill gum biodh na dròbhairean a' dol, ach cha robh iad leotha fhèin. Air dà cheud acair fearainn, chunnaic fear Gisborne, ann an 1849: "a mixed multitude of cattle dealers, fishers, drovers, auctioneers, pedlars, jugglers, gamblers, itinerant fruit merchants, ballad singers, and beggars."
Bha tri Fèilltean sa bhliadhna anns An Eaglais Bhreac, sa Lùnastal, san t-Sultain agus an tè bu mhotha san Dàmhair. Aig aon àm air rathaidean sònraichte a bha air feadh Alba, choisicheadh suas ri dà mhìle dròbhair, agus an treudan bheathaichean, deich no dusan mìle sa latha, thairis air monaidhnean is bealaichean is aibhnichean, a' tighinn bho air feadh an dùthcha, gus suas ri 150,000 beathach mart is caora is each a reic air an fhèill.
Is lìonmhor dròbhair tapaidh,
Th' eadar Glascho agus Slèibhte,
An dùthaich Mhic Aoidh 's an Cata,
'S feadh Ros a' ceannach feadail.
Bha fèilltean eile ann leithid Fèill Craoibhe an siorrachd Pheairt, agus Fèill na Manachainn, ach 's i Fèill na h-Eaglaise Brice bu mhotha.
Bha iomadh seòrsa duine nan dròbhairean. Tha e air a ràdh gur e Dòmhnall mac Iain 'ic Sheumais, a chaidh a leòn aig Blàr Chàirinis, a chuir air chois dròbhaireachd san Eilean Sgitheanach.
B' e dròbhair a bh' anns a' bhàrd Rob Donn MacAoidh, agus 's ann ag ionndrainn a leannan, is e aig Fèill ann an Craoibh, a rinn e an t-òran:
Ged is socrach mo leabaidh
Chan e cadal bh'air m' ùidh
'S tric mo smuaintean a' gluasad
Don Taobh Tuath leis a' ghaoith;
'S mòr a b'annsa bhith mar riut
Ann an gleannan nan laogh
Na bhith cunntach nan Sàileach
Ann am pàirceannan Chraoibh.
B' e na Sàilich crodh à Ceann Tàile.
Tha dròbhairean air an ainmeachadh ann an òrain leithid an òrain a rinn Donnacha Cuimeanach do Pheigi Chamshron:
Bu tu an ribhinn ùir uasail
Le d' chuman is buarach ad dhòrn,
Tarraing suas le d' chuid ghruagach,
Air feadh chruidh ruaidh thàin' à Bòid,
A' chruidh dhuibh thàin' à Ile,
'S a chruidh bhàin thàin' à Leòdhs',
'S car thu Dhròbhair nan ciadan,
Fear thionnda lìonmhor nan còrn.
Anns an òran a rinn e fhèin mu dhròbhaireachd, tha Alasdair Mac Bharrais ag innse cho measail 's a bha e fhèin air an obair:
Thug mi gaol don cheàird cho mòr
'S nam biodh mo stòras da rèir
Dh' fhàgadh e mi rithist òg
'G iomain dròbh is iad leam fhèin.
Dh'innis e cuideachd cò ris a bu chòir deagh bheathach mart a bhith coltach:
Dh'aithnichinn an t-agh dubh no ruadh
Dait air suaicheantas a bhèin;
Speir mholach, leathann, gharbh,
Bhiodh e searbh mar biomaid rèidh.
E bhith leathann os a chionn,
Goirid on dà shùil a bheul;
Fionnadh dualach, tiugh 's e dlùth
Gun bhith fon a ghlùin ach rèis.
Aisne leoghar, dhomhainn, chrom
Trusadh na chom air an fhèill;
Togail ann a suas gu bhàrr
Aigeannach na nàdar fhèin.
Bha dròbhairean ainmeil ann, mar Iain Camshron, no Corrychoillie, mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e. Rugadh Iain ann an Cill Mo-Naomhaig an Loch Abar mu 1780 agus chaochail e ann an 1856. Thòisich e òg a' buachailleachd do dhròbhairean, fhad's a bhiodh iad a' gabhail drama san taigh-òsta a bha aig athair 's iad air an slighe gu Fèill na h-Eaglaise Brice. Beag air bheag thoisich e air sprèidh a cheannachd dha fhèin, agus air fearann a ghabhail air mhàl. Mar a sgrìobh an t-Oll. Iain Mac Aonghais mu dheidhinn:
"Bha uiread de dh'fhearann aige is gu robh e ri innse gum biodh an crodh a cheannaicheadh e san Eilean Sgitheanach a' cur seachad a h-uile oidhche air fear dhe na tuathanais aige gu ruigeadh iad an Eaglais Bhreac.
Bha cuid de na dròbhan aige a' toirt leotha o chòig gu seachd mìle rathaid. Agus ma bha an crodh air an iomain timcheall air còig mile deug sa latha, aig an fhìor chuid a b' fhaide ma bha an rathad garbh, tha sin fhèin ag innse na bha aig Ian Camshron de dh'fhearann Alba air màl. Gu dearbh tha e air aithris gum biodh e fhèin a' cumail a-mach nach robh fear sprèidh na bu mhotha na e air an t-saoghal ach am Prionnsa Esterhazy – agus, dh' aidicheadh e, bha am Prionnsa sin air thoiseach air, leis gu robh am fearann aig an fhear sin saor à grunnd."
Sguir Fèill na h-Eaglaise Brice ro dheireadh na naoidheamh linn deug.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu dhròbhairean is an obair ri fhaighinn anns na leabhraichean a leanas: The Drove Roads of Scotland le A. R. B. Haldane (Birlinn, 1997); Bho Dhròbhadh Gàidhealach gu Fàsaichean Astràilia le Iain Mac Aonghais, Graham Wilson agus Sue Jane Taylor (No. 19 Dornoch Studio, 1998). Anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. XLIX (1974-76) tha artaigil, Drovering le Màiri NicDhòmhnaill.
Rugadh Calum Camshron ann an Govanhill, ann an Glaschu, air 12 Dùbhlachd, 1923. 'S ann à Eilean Shòaigh an Eilein Sgitheanaich a bha athair, Eòghainn ...
Fiosrachadh air Calum Camshron (Eilean Shòaigh) / Learn more about Calum Camshron (Eilean Shòaigh)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.