Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall iain macDhòmhnaill agus air a sheinn le: Iain Mac a' Phì.
This is a song written by: dòmhnall iain macDhòmhnaill and sung by: Iain Mac a' Phì.
Hem bò hugi ò,
Tha mi ann am èiginn;
Hem bò hugi ò,
Tha mi ann am èiginn;
'S mise thug a' ruaig
Nach robh buaidh às a dèidh dhomh
Nuair chaill mi na fiaclan,
'S a Dhia, cha b' e m' fheum e.
Smaointich mi'n oidhche seo
Splaoid thoirt air chèilidh
Cuide ris na h-eòlaich
A dh'òl Demerara:
'S bha mi ann an dòchas,
Ged dh'òlainn mo lèine,
Nach cluinneadh iad gu sìorraidh
San Iochdar mum dheidhinn.
Bha mi air mo chòmhdach
Cho leòmach ri bàn-righinn,
Coilear geal is còta
'S mo bhrògan a' deàrrsadh;
Thug mi dhiom an fheusag
Le siabann 's le ràsar,
'S bhruisig mi na fiaclan
Air beulaibh an sgàthain.
Nuair ràinig mi'n taigh-òsta,
Gun chòmhdhalaich càch mi
'S gun do shuidh sinn còmhla
Aig bòrd mar a b' àbhaist;
Bha aighear ann is òrain
Is òl is ceòl-gàire,
'S glainneachan gan lìonadh
'S mo bheul-sa gan tràghadh.
Ann am beagan ùine
Bha smùid a bha grànd' orm -
Dalladh air mo shùilean,
'S mo thùr 's e gam fhàgail;
'S ann thug iad air ghiùlan mi
A dh'ionnsaigh a' chàr,
Mu' biodh iad gam iarraidh
San Iochdar a-màireach.
Chaidh mi dhachaidh dìreach
Le sìnteagan làidir,
Ged a bha mi cinnteach
Gum biodh iad gam chàineadh;
'S nuair a chaidh am biadh
Air mo bheulaibh a chàradh,
Gun dh'aithnich mi le fiamh
Nach robh fiacail nam chàirean!
Labhair mi gu feargach
Nach deargainn air càil dheth;
'S cha tuigeadh na Crìosdaidhean
Sìon bha mi ag ràdh riuth';
'S ann a rinn iad feuchainn
Rim bhiathadh le spàinidh,
'S leis an t-sine deòth'l
Leis an d' dh'òl mi nam phàiste.
Chuir mi brathan suas
Feuch an cualas mun dèidhinn,
No 'n robh duine fhuair iad,-
Bha luach anns an deud ud:
'S ann a thàinig nuadal
A-nuas feadh a chèile
Gu facas na fiaclan
Am beul Sheonaidh Chlèirich!
Tha mi'n diugh nam fhuar-shlatan
Truagh feadh an ùrlair,
Mun ith mi'm buntàta
Bidh càch dhomh ga rùsgadh;
Pronnar dhomh le spàinidh e
'S càiridh iad miùg air,
Mar gu faigheadh pàiste
Mu fàsadh a chùlag.
Chaidh mi choimhead Màiri,
Ged bha mi car neònach,
Feuch a' faighinn bàidh
Bho nach b'àbhaist dhi m' fhògairt:
'S ann thuirt i gu diombach
'S i a' tionndadh a sròine,
"Cha b' e fear gun fhiaclan
A mhiannaichinn còmh' rium!"

Rugadh Seonaidh Mac a' Phì, mac Aonghais Catriona, ann an Àird na Mònadh, anns an Iochdar, Uibhist a Deas, air 27 An Gearran, 1940. B' i Ceit ...
Fiosrachadh air Iain Mac a' Phì / Learn more about Iain Mac a' PhìCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.