Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacCodrum agus air a sheinn le: Dòmhnall MacAoidh.
This is a song written by: Iain MacCodrum and sung by: Dòmhnall MacAoidh.
Cha tog mise fonn,
Chan èirich e leam,
Tha m' aigne ro throm fo èislean;
An cridh' a ta 'm chom
Mar chloich bhiodh na deann
A' tuiteam le gleann 's nach èirich.
Tha gaisgeach nach tìom
Oirnn a' cogadh 's a' strì
Nach urrainn a chaoidh bhith rèidh rinn;
O 's treas' e na sinn
Thèid leis-san ar claoidh,
'S cha teasairg aon nì fon ghrèin sinn.
'S cùis thùrsa gu dearbh
Bhith 'g ionndrainn na dh'fhalbh-
Ar cruitheachd, ar dealbh 's ar n-eugasg,
Ar cumadh 's ar dreach,
Ar spionnadh 's ar neart,
Ar cur an àm gleac no streupa:
Mar a sgaoileas an ceò
Thar aodann an fheòir,
Mar a chaoch'leas na neòil 's na speuraibh,
'S ann tha 'n aois a' teachd oirnn,
Cumhach, caointeach, làn bròin:
'S neo-shaoithreach r'a leòn an tè sin.
Aois odhar gun bhrìgh
Tha gar todhar gu cill,
Dh'fhàgas bodhaig a' chinn ro èitigh;
Aois bhodhar nach cluinn,
Gun toghaidh gun suim,
Gun char foghainteach strìth no streupa;
Aois acaideach thinn,
Gun tacsa, gun chlì,
Gun ghaisge, gun spìd, gun spèirid,
Làn airtneil is cràidh,
Gun aidmheil bhith slàn,
Gun aon neach gam bheil càs do t' èiginn.
Aois chasadach, gharbh,
Cheann-trom, chadaltach, bhalbh,
Ann an ion 's a bhith marbh gun èirt thu:
Cha ghluais thu ach mall
Agus cuaill' ann ad làimh,
Dol mu 'n cuairt air gach allt is fèithe;
Cha chuir thu gu bràth -
Cha chubhaidh dhuit à -
Geall ruithe no snàmh no leuma:
'S ann tha fiabhras is cràdh
Gad iarraidh gu bàs
Nas lìonmhoir' na plàigh na h-Èipheit.
Aois chianail ro bhochd
Ri caoidh na rug ort,
Dim-brìgheil gun toirt gun spèis thu;
Do luchd comainn is gaoil
Fo chomairc an aoig,
'S gun air comas a h-aon diubh èirigh;
Dh'fhalbh t' àirneis 's do chuid,
Dh'fhalbh slàinte do chuirp;
Thig ort fàilinnean tuigs' is reusain;
Thig dìochuimhn', thig bàth'chd,
Thig dìomhanas dà,
Thig mìoloinn do chàirdean fèin ort.
Aois ghreannach bhochd thruagh,
'S miosa sealladh is tuar,
Mhaol sgallach gun ghruag, gun deudach,
Roc-aodannach cruaidh
Preasach, craicneach, lom, fuar,
Crùbach, crotach, gun ghluasad ceuma;
Thusa lobhair na spìoc
Bheir na subhailcean dhìnn,
Cò san domhain le 'm binn do shèise?
Aois ghliogach gun chàil,
'S tu 's miosa nam bàs,
'S tu 's tric a rinn tràill de 'n treunfhear.
Aois chiardhubh a' bhròin,
Gun rìomhadh, gun spòrs,
Gun toil-inntinn ri ceòl d'a èisdeachd,
Rob-fhiasagach ghlas,
Air dhroch sheasamh cas,
Leisg seotail neo-ghrad gu èirigh;
Chan fhuiling thu fuachd,
'S olc an urr' thu 'n càs cruaidh,
'S e do bhuinnig an tuath 's an dèirce ;
Chan 'eil neach ort an tòir
Nach e aidmheil am beoil
Gur fada leo beò gun fheum thu.
Aois uaine 's olc dreach,
Orm is suarach do theachd;
Chan 'eil tuairisgeal ceart fo 'n ghrèin ort:
Thu gun mhire, gun mhùirn,
Thu gun spiorad, gun sùrd;
Far an cruinnich a' chùirt cha tèid thu.
Aois chairtidh 's olc greann,
Aois acaideach, mhall,
Aois phrabshuileach dhall, gun lèirsinn;
Cas feargach gun sùgh,
Làn farmaid is tnùth
Ri fear meanmnach bhios lùthmhor gleusda.
Faire faire dhuin' òig,
Cia do bharantas mòr?
'N i do bharail bhith beò 's nach eug thu?
Ged tha 'n saoghal san fheòil
Co-aontach na 's leòr
Air do chlaonadh o chòir gu h-eucoir,
Co fhad 's a tha 'n dàil
Thig ort teachdair a' bhàis -
Na creid facal gur fàistinn bhrèig' e;
Biodh do gheàrd ort glè chruaidh,
Tha do nàmhaid mun cuairt,
Cha taigh cràbhaidh an uaigh an tèid thu:
Ach àroch gun tuar
Chnoimheach, dhaolagach, fhuar
Anns an càirich iad suas leat fèin thu;
Cho mòr 's tha e 'd bheachd,
De d' stòr cha tèid leat
Ach bòrdain bheag shnaidht' is lèine.
'S e cùram as mò
Bhith dol dh'ionnsaigh a' mhòid
Gu toirt cunntas an còir 's an eucoir,
Far nach seasamh do nì
Dhuit dad dhe d' chuid fiach;
'S e 's cùis eagail bhith 'm prìosan èiginn.

Rugadh Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Thormoid Bhàin ann an Àird a' Mhachaire, anns an Iochdar air 17 An Cèitean, 1893. B'e Tormod mac Aonghais 'ic Dhonnchaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacAoidh / Learn more about Dòmhnall MacAoidhCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.