Òran na h-Airship

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nì mi ceathrannan òrain a chur an òrdugh an-dràsta,
Chor gun innis mi mun bhòidse thug mi air bòrd anns an airship,
'S mi bhith falbh anns a' mhadainn a-chum 's gun glacainn am bàta
No gum bithinn nam amadan an Astràilia a' steàrbhadh
'S cha bhiodh sin math.

Is innsidh mise gu h-aithghearr mar a thachair a' chùis dhomh;
Falbh gu tìr anns a' mhadainn a dh'òl na glainneachan leann ud;
Thuit mi 'n sin na mo chadal, 's bha mi car fada gun dùsgadh,
'S nuair a ràinig mi 'n cladach bha Matakana 's a cùl rium
A' dol a-mach.

Cha robh fios a'm dè dhèanainn anns an riasladh a bh' agam,
Gun mi a' faireachdainn ro làidir, 's ann fhuair mi tàir leis an acras;
Bha mi cuideachd car pàithteach, 's gun chàil chuireadh casg air,
Ach 's e chùis bha dhomh nàrach nach fhaighinn àit' anns an caidlinn
Ged bhithinn rag.

'S ann a smaoinich mi 'n uair sin gun gabhainn cuairt feadh a' bhaile
Feuch am faicinn duin'-uasal ghabhadh truas rium air m' aineol;
Ach cha bhiodh iadsan ach gruamach nuair thigeadh Ruairidh san t-sealladh,
'S chan fhaighinn sgillinn na feàrdain ged bhithinn a' sràidearachd fhathast
A-staigh 's a-mach.

'S ann a dh'fhalbh mi 'n sin as a' mhadainn feuch am faicinn an t-àidseant,
Feuch an innseadh e dhomh dè an dòigh san glacainn am bàta:
Thuirt e rium anns a' Bheurla, "Cha bhi trèan ann gu màireach,
Ach innsidh mise dè nì thu: 's ann thèid thu sgrìob anns an airship,
'S cha bhi i fad'."

'S cha robh cùisean gam chòrdadh dol air bòrd innte sa mhadainn,
'S gun mi idir ro eòlach air na dòighean a bh' aice,
'S nuair fhuair i mu sgaoil, air feadh an t-saoghail a ghabh i:
Bha i shuas anns an iarmailt cho luath ri eun 's e na chabhaig
A' tarraing às.

Nuair fhuair i gu h-astar 's a thog i mach ris an aonach,
Bha mi a' sealltainn a-mach aiste feuch am faicinn an saoghal,
'S an uair a thug e mun cuairt 's i 'n impis bualadh sna craohhan
Bheirinn fortan an uair sin gu robh mi fuar leis an daoraich
'S nach fhaicinn dad.

Cha bhi mi idir ga cheiltinn, bha mi fo eagal is fo chùram,
'S bha mi ag ràdh nach b' e Freasdal chuir an triop-sa co-dhiù mi,
Is ged tha iomadach bliadhna bho nach robh mi shìos air mo ghlùinean,
Bhon a ghluais i bhon talamh cha d' rinn mi car ach ag ùrnaigh
Gu faighinn aist'.

'S ged a bhithinn-sa gearain 's a' Mhatakana gam riasladh,
'S mi bhiodh toilicht an ceartuair nam faighinn teans a dhol sìos innt'-
'S mòr gum b' fhèarr bhith ga stiùireadh, 's an fhairge smùideadh na cliathaich,
Seach bhith seo mar a tha mi, 's mi shuas gu h-àrd anns an iarmailt,
'S nach fhaigh mi às.

Nuair a ràinig i cala, bha gach dad ann an òrdan:
Cha robh feum air a ceangal, 's ann rinn i laighe gu stòlda;
Chaidh mi staigh airson glainne 's thug mi dalladh air òrain,
'S bha mi dannsa rim fhaileas mar fhuair mi nuas às na neòil
Gun aona scratch.

Nuair gheibh mise an triop seo seachad 's a gheibh mi tastain ri chèile,
Thèid mi dh'Uibhist an eòrna 's gur ann air bòrd ann an tè dhiubh;
'S nuair chi iad i tighinn 's iad a' bruidhinn ri chèile,
'S iad ag ràidhtinn, "Seo Ruairidh, tighinn a-nuas às an airship,
'S chan eil e slac!"

B' ann air an latha seo sa bhliadhna 1919 a chaidh an airship R34 airson a' chiad uair tarsainn air a' Chuan Siar gu New York.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.