Òran na Doile

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacLeòid agus air a sheinn le: Catriona NicLeòid.

This is a song written by: Ruaraidh MacLeòid and sung by: Catriona NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
Bàthaidh mi 'n Loch Luicheart thu 's chan fhaigh do chuideachd lorg ort.

Leanabh beag 's e cas-ruisgte air a phasgadh ann an clobhda,
Stail is prìne-banaltrum ceangailte mun chom aig';
Nuair fhuair mi air a chasan e, 's ann labhair e gu pongail
A' mallachadh nan caileagan a chuir sa pharsail thall e.

"A leanaibh bhig," thuirt mise ris, "Dè idir chuir an taobh-s' thu?
Cò chuir dhan pharsail thu an-diugh thàinig gam ionnsaidh?
Nach toir thu ainm do mhàthar dhomh, 's gun càinich mi aig cùirt i,
Ciamar idir a ràinig thu an t-àite seo gun mhùchadh!"

Mo mhùchadh cha b' urrainn dhaibh ged bha iad uile deònach,
Nuair phaisg iad am measg phuddings mi 's gach luideag a bha còmh' rium
A' lèine bha mun cuairt orm 's mu m' uachdar fhuair mi sgòd dhith,
'S gun ghabh mi dòthas philleachan an Inbhir Nis a' bhòn-dè.

Coma leat dhed philleachan, ach innis dhomh gun dearmad,
Dè chuir gam ionnsaidh thu 's gun dùil a'm riut cho anmoch;
Nach toir thu ainm 's do shloinneadh dhomh 's na choinnich riut bho dh'fhalbh thu
Ma rach mi thar a' mhonaidh chun a' pholasmain an Garbh leat.

Gu polasman chan fhalbh thu leam 's chan fhaic thu Garbh am bliadhna,
Stad gun innis mi stòiridh dhut gu dòigheil ann am briathran;
'S ann ort a dh'fhàg mo mhàthair mi mun d' thàrr mi tigh'nn am fianais,
'S chan urrainn dhomhs' a mhathachadh an tu a b' athair riamh dhomh.

Chan aithnichinn do chuideachd ged bhiodh iad uil' an làthair,
Chan eil fhios agam air thalamh cò 's athair dhut no màthair;
Ach mar do mheall mo bharail mi 's cha bhithinn fada ceàrr ann,
Gur ann an ceann Ardross Street as a' Hostel a chaidh d' àrach.

Ciamar a bhuail thu 'n t-àite sin 's gach ceàrn tha fo na speuran,
Feumaidh gura h-aithne dhut na caileagan gu lèir ann.
'S e tè dhuibh sin as màthair dhomh, 's a dh'àraich mi, 'n diol-dèirig,
'S a chuir an-diugh gad ionnsaigh mi an dùil gun biodh tu rèidh rium.

Cha bhi mi rèidh rim mhaireann riut cho fad' s a bhios tu làmh rium!
'S fheàrr dhut a dhol dhachaidh tacan, maille ri do mhàthair,
Innis dhith na labhair mi 's nach gabh mi gu là bhràth riut
'S gun till i dhan a "Wooli" thu o nach urrainn dhòmh-sa d' àrach.

Seinneadairean / Performers

Catriona NicLeòid

Catriona NicLeòid

Rugadh Catriona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bàigh na Hearadh, air 26 Màirt, 1931. B' e Fionnlaigh Feargustan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, ...

Fiosrachadh air Catriona NicLeòid / Learn more about Catriona NicLeòid

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.