Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pàdraig Grannd agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.
This is a song written by: An t-Urr. Pàdraig Grannd and sung by: Calum Ceanadach.
'S leanabh sòlasach mi,
Glè òg chaidh à tìm,
Chaidh mo threòrach on chìch don uaigh;
'S ged bu ghoirid mo thìm,
Gabhail fradharc den tìr,
'S mòr th' agam ri innse don t-sluagh.
Nach b' e an teachdair' gun truas,
A thug leis mi cho luath,
On bhroilleach san d' fhuair mi blàths,
'S thug mi don bhanaltram fhuar,
Ris an can iad an uaigh,
Is riamh cha b' aithne dhi truas no blàths.
Ged bu ghoirid mo chuairt,
Fhuair mi fradharc car uair,
Gun robh am peacadh dhomh dualach òg,
'S dh'aithnich mise gu dearbh,
Gun robh esan na nì searbh,
Toilltinn mallachd is fearg ro mhòr.
Ged nach do pheacaich mi riamh,
Ann an cleachdadh non gnìomh,
Cha deach mi seachad gun phian is bròn,
Thàinig puinnsean san fhreumh,
Ann an Adhamh, 's an Eubha,
Ruith mar phlàigh anns gach geug is meòir.
Ach thàinig m' Athair le truas,
'S thug e dhachaigh mi suas,
Mun gann dh'fhairich mi truaigh an t-saoghail,
'S ghlan iad mi am fuil an Uain,
'S bhithinn sona gu buan,
A' snàmh tuilleadh an cuan a ghaoil.
Bha mi 'm chadal gu blàth,
Ann am fasgadh mo mhàthar,
Is ga mo phasgadh 's a làmh fo mo cheann,
Nuair thàinig teachdair' on bhàs,
Thuirt gun siùbhlainn gun dàil,
'S nach robh fuireach no tàmh dhomh ann.
Thug an t-an-shocair buaidh,
'S thàinig piantaibh bha cruaidh
'S ruith an lot anns gach buaidh dhem fheòil,
'S ann am mionaid na h-uaire,
Dh'fhàs mo bhilean cho fuar,
'S neul a' bhàis air mo ghruaidhean òg.
Dhùisg mo mhàthair le gaoir,
'S thuirt i "M' àilleagan gaoil,
Ciod dh'fhairich thu? Chan fhaod thu falbh."
'S rinn i mo ghreimeadh cho teann,
'S cha bhitheadh an dealachadh ann,
Ged bha mo chridhe cho fann 's mi balbh.
Cha robh leigheas fon ghrèin,
Air an cluinneadh iad sgeul,
Nach do chleachd iad gu feum dom fheòil,
Ach is ann shàraich iad mi,
'S cha robh stà ann an nì,
Air chor 's gun d' fhàs mi glè sgìth dhe an seòl.
Ach chaidh mo mhàthair an cùil,
'S m' athair dh'ionnsaigh na cùirt,
'S bha iad tagradh gu dlùth 's iad fo leòn;
'S thuirt iad rin Athair air Nèamh
"Nis do thoil gun robh dèant',
Oir gu cinnteach 's tu fhèin 's fheàrr còir."
Ach nuair chunnaic iad mi,
Thòisich mulad is strì,
Is 's e mi dh'fhuireach ris a b' àill;
Ach leigibh cead dhomh, thuirt mi,
Chum 's gun siubhail mi 'n sìth,
'S e bhith maille ri Crìosd as feàrr.
Tha bhur comann dhomh faoin,
'S tha mi ullamh san t-saoghal,
Ged thug sibh dhomh gaol gu leòr,
Carson bhitheas sibh cho dian,
Ga mo chumail am pian,
'S gum bi mi soillseadh mar ghrian an glòir.
Slàn leibh airson tìm,
Gus am faic mi sibh rìs,
Anns an àite san tèid crìoch air bròn,
Dlùth-leanaibh ri Crìosd,
Is grèim las de gach nì,
Tha sibh faicinn an tìr nam beò.
'S nuair dhùin iad mo shùil,
Thàinig ainglean na cùirt,
'S thug iad mise leo cho dlùth 's cho luath,
'S ann am priobadh na sùil,
Bha gach nì dhomh cho ùr
'S ann bha mise an Ierusalem shuas.
Sguir na tuiltean len toirm,
'S thug iad mise às gach stoirm,
'S mar sgiath na maidne thug orm bhith luath;
'S chaidh sinn tro na glinn dorcha,
Far nach bu lèir dhuibh bhur lorg,
Ach thàinig sonas nis orm bhitheas buan.
Chaidh sinn mar iolaire aig luaths,
Gu tìr Immanuel shuas,
Dh'ionnsaigh an àite sa bheil sluagh ro naomh,
Is le Alelluia gu buan,
Toirt cliù is moladh don Uan,
'S ag òl tuilleadh à cuan a ghaoil.
Nam faiceadh m' athair 's mo mhàthair,
Meud mo shonais san àit'
Bhitheadh iad toilicht' gun d' fhàg mi an saoghal;
'S bhitheadh gach latha mar bhliadhna,
Gus am faigheadh iad triall,
Gu co-chomann ta sìorraidh naomh.
'S ann san àit' seo tha ghlòir,
Tha na sràidean den òr,
'S meas a' fàs de gach seòrsa gu buan;
'S bithidh sinn gu sìorraidh ag òl,
Às na h-aibhnichean beò,
'S an gaol bith-bhuan ga dhòrtadh nuas.
Tha cuid an seo às gach àite,
Air an tional le gràs,
Às gach treubh agus pàirt don t-sluagh,
Ach 's ann aca tha an gaol,
Nach robh leithid measg dhaoin',
Nuair a bha iad san t-saoghal thruagh.
Is anns an àite seo tha 'n ceòl,
Nach tèid mhasgadh le bròn,
Tha e fantainn na òran nuadh,
Cliù is onair is glòir,
Don tì bha marbh is tha beò,
Shaor e sinne on dòrainn bhuan.
'S ann san àite seo tha 'n sluagh,
Chaidh tro dheuchainnean cruaidh,
'S thug e fèin dhaibh a' bhuaidh le bhàs,
'S tha iad nis ann an sìth,
'S fhuair iad pailm mar Rìgh,
'S eudach geal a thèid sìos gun sàil.
Ach 's e mòrachd an uain,
Nì as glòrmhor tha shuas,
'S e as òirdheirce air an cualas sgeul,
'S leis a' ghlòir tha na ghnùis,
Tha na nèamhan dha lùb,
'S tha e tarraing gach sùil na dhèidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Dàin Spioradail le Pàdraig Grannd (John Grant, Dùn Èideann, 1897)

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum CeanadachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.