Òran Mhanitoba

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) agus air a sheinn le: dòmhnall macCuaig.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) and sung by: dòmhnall macCuaig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur muladach mise 's mi 'n seo gun duin' idir
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dàn;
Le dùrachd mo chridhe, soiridh slàn leis na gillean
A sheòl thar na linne gu Manitobà.

Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh màil;
Le ceòl is làn aigheir, cha laigheadh an smalan
Air a' chomann a bh' againn am Baile nam Bàrd.

Mi 'm shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine
Tha nithean gam bhuaireadh nach cualas le càch;
Mi caoidh nam fear sunndach bha ceanalta, cliùiteach,
Dh'fhàg eilean an dùthchais 's an cùl ris gu bràth.

'S nuair a ràinig a' mhadainn gu dol air an aineol
'S a thionail gach caraid a bh' aca san àit',
Chan urra mi aithris am bròn a bh' air m' aire
'S an cùl ris a' bhaile sa mhadainn Dimàirt.

'S e faileas nan daoine 's nach sgarach an saoghal
'S e 's fasan dha daonnan bhith caochladh gach latha;
Nar coigrich air uachdar, cha mhaireann 's cha bhuan sinn
Is mìltean de thruaghain gam fuadach thar sàil.

Tha luchd-fhearainn shaoir as an àm seo ro-ghaolach
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chàch;
'S bidh innealan baoghalt' sa Ghàidhealtachd daonnan
Gu fògradh nan daoine, 's cur chaorach nan àit'.

'S chan fhaic mi san àm seo ach caoraich air bheanntan:
Chan eil as a' ghleann ach fear Gallda no dhà:
'S Am beagan a dh'fhan dhiubh air rudhachan mara
Gan iomain gu cladach 's gam feannadh le màl.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.