Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhàidein agus air a sheinn le: Ailig MacIllFhinnein.
This is a song written by: Iain MacPhàidein and sung by: Ailig MacIllFhinnein.
Sèist / Chorus
O 'n cual', an cuala sibh 'n caithream ud,
E 'n cual', an cuala sibh 'n sadadh ud,
O 'n cual', an cuala sibh 'n t-sabaid,
Bha 'm Margadh an t-Salainn an-dè?
Nuair chruinnich iad còmhla san taigh-òst', aig M'Kennie,
'S ann ann a bha bhòilich mun dòigh bh' aig an seanair,
Mar bhuaileadh e dhòrn is mar dh'òladh e searrag,
'S ann bha e san tabaid ro-threun.
Bha pìobaire 'n aona phuirt a' bronnagail le faram,
Gun ghaoithe na phluic, ach mar chluicheadh e achlais,
Fidheall dà theud air ghleus na deanaibh,
A' togail làn aighear nan treun.
Bha Bridget air cabhsair 's i dannsa ri Brolligan,
Ceann-rùisgte, cas-rùisgte, 's chnacadh i corragan,
Spreadadh i 'm poll a-nall mu na h-oisinnean,
'S ghlaodh i le sodan, "Ho-rè".
Bha Mìcheal MaGinty 's e seatadh ma coinneamh,
Bha toll aig an uilinn 's bha 'm mullach tro bhonaid,
Bha bhriogais na stròicean, 's a bhròg air a h-oir aige,
Is leth-shlat de chotan na dhèidh.
Ach thòisich an iorghail nuair chruinnich na fineachan,
À Ulster, à Munster, à Antrim, 's Leitrim,
Connaught, 's Tralee, 's O' Shees à Limerick,
'S thàinig na fir à Kildare.
Na O' Rorks 's na M'Gorks 's iad a' mort nan O' Branigans,
Bh' aig Kelley shillèlah 's e 'g èirigh air Flannigan,
Mìcheal Mulhoul gun dhall e O' Rafferty
'S leag iad M'Cafferty fhèin.
Nuair thòisich an tuasaid bu chruaidh a bha 'n sadadh,
Bha slaodadh air cluasan is struaiceadh air claiginn,
Gach fear air a bhualadh is spuaic air a mhalaidh,
'S e glaodhaich air caraid gu streup.
O' Brian, 's O' Ryan, O' Reilly, 's O' Ligerim,
O' Brearie, 's O' Learie, O' Sheaie, 's O' Sigerim,
O' Hara, M' Ara, O' Larra, 's O' Liderim,
Barney M'Fiddie, 's M' Dade.
Nuair shèid iad na fìdeagan chìte nan cabhaig iad,
A' crùban gan deòin 's gach fròig am falach;
Gun tug iad an cinn sna tuill fo thalamh,
Mar radan is abhag nan dèidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain, rosg agus bàrdachd MhicPhàidein rin lorg ann an dà leabhar An t-Eileanach (rchibald Sinclair, Glaschu, 1890, 1921) agus Sgeulaiche nan Caol (Archibald Sinclair, Glasgow, 1902).
Tha Glasgow and Gaelic Writing le Coinneach Dòmhnallach agus Am Bàrd Gàidhlig agus am Baile Mòr le Michel Byrne agus fiosrachadh eile mu Ghlaschu agus cuid de eachdraidh nan Gaidheal sa bhaile ri leughadh anns an leabhar Glasgow - Baile Mòr nan Gaidheal, deasaichte le Sheila M. Kidd (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007).
Rugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geàrrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a ...
Fiosrachadh air Ailig MacIllFhinnein / Learn more about Ailig MacIllFhinneinCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.