Òran Gaoil a Rinneadh Taobh Loch Laomainn

Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Dhùghlas agus air a sheinn le: Eilidh NicChoinnich agus Màiri NicGillEathain.

This is a song written by: Catrìona Dhùghlas and sung by: Eilidh NicChoinnich and Màiri NicGillEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ochoin hi rì, ho ri u o hì
Tha m' inntinn truagh 's cha bhuannaich mi
Ged dh'innsinn dhut do luach nam chrìdh'
Ochoin hi rì, ho ru o hì.

O 's truagh nach robh sinn òg le chèile
San Eilean cheòthach ghleannanach
A' leannanachd mar eòin nan geug
Sinn sòlasach le beannachdan.

'S ged tha Loch Laomainn lainnireach
Le grian a' soillseadh thairis air
Thoir dhomhs' a' bheinn taobh thall den Chaol
'S mi ann lem ghaol na fhaileas dhomh.

Cha tug thu bòid no gealladh dhomh
Cha d' mheall thu mi 's cha d' phòs thu mi
Cha b' urrainn dhut 's nach d' thachair sinn
Mun tug mi m' làmh don uasal seo.

O 's truagh tha mi nach d'fhàg mi 'n saoghal
Mun tug mi 'n gràdh nach fhaodar leam
Chan fhaigh mi tàmh, chan fhaigh mi sìth
Ho rù u o hì, gun caochail mi.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an òraid a thug an t-Urr. Dòmhnall Buidse air Clann an Aba Throndairnis ri lorg anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. 48, t.d. 584-601.

Seinneadairean / Performers

Eilidh NicChoinnich

Eilidh NicChoinnich

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...

Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnich

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.