Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, còisir ghàidhlig an òbain (Mnathan) agus còisir àrd-sgoil an òbain.
This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, còisir ghàidhlig an òbain (Mnathan) and còisir àrd-sgoil an òbain.
Sèist / Chorus
Thug ò, laithill ò ho-ro
Thug ò ro an aill leibh
Thug ò, laithill ò ho-ro
Seinn ò-ho-ro an aill leibh.
Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
'S mòr mo shunnd 's mo cheòl-gàire
On a chuala mi 'm Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chlann Ra'ill.
On a chuala mi 'm Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chlann Ra'ill
Gràinne mullaich gach rìgh thu
Slàn gum till thusa, Theàrlaich.
Gràinne mullaich gach rìgh thu
Slàn gum till thusa, Theàrlaich
'S ann tha 'n fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a' ghruaidh is mòr-nàire.
'S ann tha 'n fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a' ghruaidh is mòr-nàire.
Mar ri barrachd na h-uaisle
'G èirigh suas le dèagh-nàdar.
Mar ri barrachd na h-uaisle
'G èirigh suas le dèagh-nàdar.
Is nan tigeadh tu rithist
Bhiodh gach tighearn' nan àite.
Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach GhlaschuCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.