Òran air a sgrìobhadh le: Iain Ruadh Stiùbhart agus air a sheinn le: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).
This is a song written by: Iain Ruadh Stiùbhart and sung by: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).
O gur mis' th' air mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
Is tric snighe gu m' shàil o m' lèirsinn.
Dh'fhalbh gach toileachadh uam,
Sheac le mulad mo ghruaidh,
Is nach cluinn mi san uair sgeul èibhinn.
Mu Phrionns' Teàrlach mo rùn,
Oighre dligheach a' chrùin,
'S e gun fhios ciod an tùbh a thèid e.
Sàr-fhuil rìoghail nam buadh
Tha ga dìobairt san uair-s',
'S a' chlann dìolain a suas ag èirigh.
Sìol nan cuilean gun bhàidh,
Dham maith-chinnich an t-àl,
Chuir iad sinn ann an càs na h-èiginn.
Cha b' è 'n cruadal mar laoich
Thug dhaibh buaidh air an fhraoch
Ach gach tubaist a dh'aom mur trèin-ne.
Bha iad iomadaidh uainn
De gach fine mu thuath,
Fir nach tilleadh ri h-uair an fheuma.
Feachd chòig brataichean sròil
Bu mhaith chuireadh an lò
Bhith gar dìth anns a' chomhdhail chreuchdaich.
Iarla Chrombaidh le shlògh,
Agus Barasdal òg,
Is MacFhionghain le sheòid nach gèilleadh.
Clann Ghriogair nan Gleann,
Buidheann ghiobach nan lann,
Fir a thigeadh a nall nan èight' iad.
Is Clann Mhuirich nam buadh
Iadsan uile bha uainn,
'S è sin m' iomadan truagh ra leughadh.
A Chlann Dhomhnuill mo ghràidh,
Leam is cruaidh mar a bha,
Nach do bhrùchd sibh le càch don teugmhail.
Air thùs an latha dol sìos
Bha gaoth a' cathadh nan sian,
As an adhar bha trian ar lèiridh.
Dh'fhàs an talamh cho trom
Gach fraoch, fearann, is fonn,
'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-slèibhe.
Bha lasair-theine nan Gall
A' frasadh pheileir mur ceann,
Mhill sud èireachdas lann 's bu bheud è.
Mas fìor an seanchas a bh' ann
Gun robh Achan sa champ,
Dearg-mheirleach nan rabhd 's nam breugan.
B' è sin an Seanalair mòr
Gràin is mallachd an t-slòigh,
Reic e onoir 's a' chòir le h-eucoir.
'S ann a thionndaidh e chleòc
Air son an sporain bha mòr,
'S rinn sud dolaidh do sheòid Rìgh Seumas.
Mo chreach uile 's mo bhròn
Na fir ghasd' tha fo leòn
Deagh Chlann Chatain nan sròl 's nan geur-lann.
Is Clann Fhionnlaigh Bràigh-Mharr
Buidhean cheannsgalach, ard,
Dhèanadh sgathadh am bàr nan creuchdan.
Buidheann eile, mo chreach,
Fhuair an laimhseachadh gairt;
Sluagh an Fhrisealaich ghasta, threubhaich.
Bu laoich uaibhreach gun mheang
Sheasadh cruadal sa champ
Chaidh am bualadh an àm na teugmhail'.
Chaill sinn Dòmhnall donn, suairc',
O Dhùn Chrombaidh seo shuas,
Mar ri Alasdair Ruadh na fèile.
Chaill sinn Raibeart an àigh
'S cha bu ghealtair è 'm blàr,
Am measg chaigneachadh lann is bheigneid.
'S ann thuit na rionnagan gasd'
Bu mhaith àluinn an dreach,
'S cha bu phàigheadh leinn màirt nan èirig.
Ach thig a' chuibhle mun cuairt
Car o dheas no o thuath,
'S gheibh ar n-eascàirdean duais an eucoir.
Gum bi Uilleam Mac Dheòrs'
Mar chraoibh sheargte fo leòn,
Gun fhreumh, gun duilleach, gun mheòirean gèige.
Guma lom bhios do leac,
Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair-chèire.
Gun sòlas, sonas, no seanns,
Ach dòlas dona mu d' cheann,
Mar bh' air ginealach Chlann na h-Èiphit.
Is chì sinn fhathast do cheann
Dol gun athadh ri crann,
'S eòin an athair gu teann ga reubadh.
Is bidh sinn uile fa dheòidh,
Araon sean agus òg,
Fon Rìgh dhlìgheach dhan còir duinn gèilleadh.

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna de dh'aois is chaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.