Òran don Èideadh Ghàidhealach

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fhuair mi naidheachd as ùr
Tha taitinn ri rùn mo chrìdh',
Gum faigheamaid fasan na dùthch'
Chleachd sinn an tùs ar tìm:
On tha sinn le glainneachan làn
A' bruidhinn air mànran binn,
'S i deoch-slàinte Mhontròis
A sheasadh a' chòir seo dhuinn.

Chunna mi 'n-diugh an Dùn Èideann
Comann nam fèileadh cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach ar n-èibhnis dhuinn:
Pìob gu loinneil air ghleus
Air soilleireachd rèidh an tuim;
Thug sinn am follais ar n-èideadh,
'S cò a their reubail rinn?

Deich bliadhna fichead is còrr
Bha casg den chlò mur druim;
Fhuair sinn ad agus cleòc
'S cha bhuineadh an t-seòrs' ud dhuinn;
Bucaill a' dùnadh nam bròg,
'S e 'm barrall bu bhòidhche leinn;
Rinn an droch-fhasan a bh' oirnn
Na bodaich der n-òigridh ghrinn.

Mhill e pàirt der cumhachd
On bhlàr gu mullach ar cinn;
Bha sinn cho làn de mhulad
'S gun d' fhàs gach duin' againn tinn;
'S ann a bha 'n càs cho duilich
'S a thàinig uile rir linn,
Nuair a rinn pàrtaidh Lunnainn
Gach àit' is urram thoirt dhinn.

O 's fhada bha 'n onoir air chall
Is fasan nan Gall oirnn dlùth,
Còta ruigeadh an t-sàil,
Cha tigeadh e dàicheil dhuinn;
B' èiginn don bhriogais bhith ann,
Nuair chaidh an commannd cho cumhang
'S gun d' rinneadh gach fine na thràill,
'S gach fireannach fhàgail rùisgt'.

Tha sinn a-nis mar is math leinn
'S gur h-àrd ar caraid sa chùirt,
Chuir air na daoin' am fasan
Rinn Pàrlamaid Shasainn thoirt dhuibh
Beannachd gu bràth don Mharcus
A thagair an-dràst' a' chùis
Fhuair e gach dligheadh air ais dhuinn
Le ceartas an rìgh 's a' chrùin.

Tha sinn an comain an uasail
A choisinn le cruadal cliù;
Chuir e le teòmachd làidir
Faoineiseachd chàich air chùil
Oighre chinn-chinne nan Greumach,
'S iomadh fuil àrd na ghnùis,
'S ann tha Marcus an àigh
Am mac thig an àite 'n Diùc.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.