Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain

Òran air a sgrìobhadh le: Mìcheal Mac a' Phearsain agus air a sheinn le: Mìcheal Mac a' Phearsain.

This is a song written by: Mìcheal Mac a' Phearsain and sung by: Mìcheal Mac a' Phearsain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S bochd an naidheachd a fhuair sinn
'S a ghluais mi gu dàn,
Dòmhnall Phàdraig, mo thruaighe,
Thugadh bhuainn e le bàs.
Cò aige bha dùil ris
'S tu cho sunndach 's cho slàn;
Cha robh sinn a' smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geàrr.

Dh'fhàg thu bean agus pàistean
'S iad a' rànaich 's a' caoidh,
'S goirt a' bhuill' ann a fhuair iad
'S a bhuail ann an cridh';
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì,
'S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach sòlas gan dìth.

Chì sinn tràghadh is lìonadh
Chì sinn ealtainn is sprèidh;
Chì sinn gealach is grian
'S reultan a' lìonadh nan speur.
Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh
Coiseachd feur ann thu fhèin;
Ach guidheam fois leat, a Chrìosdaidh,
'S beannachd Dhia ann leat fhèin.

'S math tha fios aig gach nàbaidh
Gu bheil sàr-dhuin' gan dìth;
'S tu bha riatanach san àite
'S a b' fheàirrd' sinn bhith leinn.
Ach dhe sin, cha sheall bàs dha
Coingeis dhàsan cò thu
Bho leanabh bheag tha air mhàgail
Gu ruig àrd-rìgh air crùn.

O, gur duilich, gur duilich,
Gur duilich seo leinn,
An-diugh bhith gad chàradh
An t-Hàllan san ùir;
Sinn a' faicinn do phàistean
'S bean do ghràidh 's iad ri caoidh
'S bidh thu 'n cuimhne gu bràth dhaibh
'S an cridhe làn dhut de ghaol.

'S bha thu 'd dhuine bha fialaidh
Is rianail ri càch;
Chan fhaca sinn riamh thu
Gun fhiamh ort le gàir'.
Bha thu carthannach fuasgailt'
Measg an t-sluaigh anns gach àit'
Gus an tàinig an fhuar-bhuill'
Thug bhuainn thu le bàs.

'S nam bitheadh tu aost'
Cha bhiodh a' ghaoir seo cho geàrrt'
Ach am meadhan do shòlais
'S tu led òigridh a' fàs.
Ruith an snaoim a bha cruaidh ann
'S dh'fhalbh na duail às an tàth,
Anns an t-sàcramaid uasal
Nach gabh fuasgladh gun bhàs.

'S gura tìm dhomh co-dhùnadh
'S a bhith dùnadh an dàin
Bhon tha t' uaigh-sa nist dùinte
'S nach eil dùil riut gu bràth.
Gu faic sinn do ghnùis-sa
Ann an dùthaich do ghràidh,
Ach bidh sinn uile gad ionndrainn
Leis a' chiùird bha thu 'n sàs.

Seinneadairean / Performers

Mìcheal Mac a' Phearsain

Mìcheal Mac a' Phearsain

Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig, air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air 26 An Giblean 1910. 'S ann à Barraigh a ...

Fiosrachadh air Mìcheal Mac a' Phearsain / Learn more about Mìcheal Mac a' Phearsain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.