Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Alma Kerr, Anna Latharna NicGillìosa, Calum MacArtair, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, iain a. macSuain, nan d. nic an t-Sealgair, ruairidh ros agus Seumas C. M. Caimbeul.
This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: Alma Kerr, Anna Latharna NicGillìosa, Calum MacArtair, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, iain a. macSuain, nan d. nic an t-Sealgair, ruairidh ros and Seumas C. M. Caimbeul.
'S e Coir' a' Cheathaich nan aighean siùbhlach
An coire rùnach as ùrar fonn;
Gu lurach miadarach mìn geal sùghmhor
Gach luisean flùr bu chùbhraidh leam;
Gu mollach dùbhghorm torrach lùisreagach
Corrach plùranach dlùthghlan grinn
Caoin ballach dìtheanach cannach mìsleanach
Gleann a' mhìltich as lìonmhor mang.
Tha fallaing dhùinte gu daingean dùbailt',
A mhaireas ùine, mun rùisg i lom,
Den fheur as cùlfhinne dh' fhàs na h-ùrach,
'S a bhàrr air lùbadh le drùchda trom,
Mu choire guanach nan torran uaine,
A bheil luibh is luachair a suas ga cheann;
'S am fàsach gruamach an càs a bhuanadh,
Nam b' àite cruaidh e, 'm biodh tuath len suim.
Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich
Chuir sult is aoibh air gach taobh ad chom;
Mìnfheur chaorach is barra bhraonan
'S gach lus a dh' fhaodadh bhith 'n aodann thom,
Mun choir' as aoigheil' a tha ra fhaotainn,
A chunna' daoine an taobh seo 'n Fhraing;
Mur dèan e caochladh, b' e 'n t-aighear saoghalt'
Do ghillean aotrom bhith daonnan ann.
'S ann mun Ruadh Aisridh dh' fhàs na cuairteagan,
Cluthmhor cuaicheanach cuannar ard;
A h-uile cluaineag 's am bàrr air luasgadh,
'S a' ghaoth gan sguabadh a-nunn 's a-nall;
Bun na cìoba is bàrr a' mhiltich,
A' chuiseag dhìreach 's an fhìteag-cham;
Muran brìoghmhor 's an grunnasg lìonmhor,
Mun chuilidh dhìomhair am bì na suinn.
Tha sliabh na làirig an robh Mac Bhàididh
Na mhòthar fàsaich 's na stràca trom;
Slios na Bàn Leacainn, chan i as tàire,
'S gur tric a dh' àraich i 'n làndamh donn;
'S na h-aighean dàra nach tèid don bhàthaich
A bhios len àlach gu h-àrd nan grunn;
'S na laoigh gu h-ùiseil a là 's a dh' oidhche,
'S na h-uiread cruinn diubh air Druim Clach Fionn.
Do leaca choibhneil gu dearcach braoileagach
Breac le foighreagan 's cruinn-dearg ceann;
An creamh na chaithrichibh 'm bac nan staidhrichean,
Stacan fraoidhneasach nach bu ghann;
Am beàrnan-brìde 's a' pheighinn-rìoghail
'S an canach mìn geal, 's am mìslean ann -
'S a h-uile mìr dheth on bhun as ìsle
Gu h-ionad cìrean na crìch' as àird'.
Is rìomhach còta na Craige Mòire
'S chan eil am fòlach ad chòir san àm,
Ach meanan-còinnich, o 's e bu nòsaire,
Air a chòtachadh bhos is thall;
Na lagain chòmhnard am bun nan sròineag
Am bi na sòbhraichean 's neònain fann
Gu bileach feòirneanach milis ròinneagach
Mollach ròmach, gach seòrs' a th' ann.
Tha mala ghruamach den bhiolair uaine
Mun h-uile fuaran a th' anns an fhonn,
Is doire shealbhag aig bun nan garbhchlach,
'S an grinneal gainmhich gu meanbhgheal pronn;
Na ghlugan plumbach air ghoil gun aon teas,
Ach coilich bùirn tighinn à grunnd eas lom,
Gach sruthan uasal na chuailean cùlghorm
A' ruith na spùta 's na lùba steoll.
Tha bradan tarrgheal sa choire gharbhlaich
Tha tighinn on fhairge bu ghailbheach tonn,
Le luinneis mheamnach a' ceapadh mheanbhchuileag
Gu neo-chearbach le chamghob crom,
Air bhuinne borb is e leum gu foirmeil
Na èideadh colgail bu ghormghlas druim,
Le shoillsean airgid gu h-iteach meanbhbhreac
Gu lannach deargbhallach earrgheal slìom.
'S e Coir' a' Cheathaich an t-aithir prìseil
'S an t-àite rìoghail mum bit' a' sealg;
'S bidh fèidh air ghiùlan le làmhach fùdair
Cur luaidhe dhùbhghorm gu dlùth nan calg;
An gunna gleusta 's an cuilean eutrom
Gu fuileach feumanach treubhach garg,
A' ruith gu siùbhlach 's a' gearradh shùrdag
'S a' dol ga dhùbhlan ri cùrsan dearg.
Gheibhte daonnan mu d' ghlacaibh faoine
Na h-aighean maola, na laoigh 's na maing;
Siud bu mhiann leinn am madainn ghrianaich,
Bhith dol gan iarraidh 's a' fiadhach bheann;
Ged thigeadh siantan oirnn, uisg' is dìle,
Bha seòl gar dìdneadh mun chrìch san àm,
An creagan iosal am bun na frìthe,
San leabaidh-dhìona 's mi 'm shìneadh ann.
'S a' mhadainn chiùinghil an àm dhomh dùsgadh
Aig bun na stiùice b' e 'n sùgradh leam,
A' chearc le sgiùcan a' gabhail tùchain
'S an coileach ciùirteil a' dùrdail crom;
An dreathan sùrdail 's a ribheid chiùil aig',
A' cur nan smùid deth gu lùthmhor binn;
An druid 's am brùdhearg le mòran ùinich
Ri ceileir sunndach bu shiùbhlach rann.
Bha eòin an t-slèibhe nan ealtainn ghlèghlain
A' gabhail bheusan air ghèig sa choill;
An uiseag cheutach 's a luinneag fèin aice,
Feadan spèiseil gu rèidh a' seinn;
A' chuthag 's smeòrach am bàrr an ògain
A' gabhail òrain gu ceòlmhor binn;
Nuair ghoir an cuanal gu loinneil guanach
'S e 's gloin' a chualas am fuaim sa ghleann.
Nuair thig iad còmhla, na bheil ad chòir-sa
Den h-uile seòrsa bu chòir bhith ann -
Damh na cròice air srath na mòintich
'S e gabhail crònain le dreòcam àrd,
A' dol san fhèithidh gu bras le h-èibhneas
A' mire-leumnaich ri èildeig dhuinn;
B' i sin an rìbhinn a dh'fhàs gu mìleanta
Foinneamh fìnealta dìreach seang.
Tha mhaoisleach chùlbhuidh air feadh na dùslainn
Aig bun nam fiùran gan rùsgadh lom;
'S am boc gu h-ùdlaidh ri leabaidh chùirteil
'S e ga bùrach le rùdan crom;
'S am minnean riabhach bu luime cliathach,
Le chuinnean fiadhta, as fiadhaich ceann,
Na chadal guamach an lagan uaigneach,
Fo bhàrrr na luachrach, na chuairteig chruinn.
Is lìonmhor cnuasachd a bha mun cuairt duit
Ri àm am buanadh bu luaineach clann
Ri teanal guamach gu fearail suairce,
'S a' roinn gu h-uasal na fhuair iad ann:
Cèir-bheach na cnuacaibh 's an nead na chuairteig,
'S a' mhil ga buanachd air cruaidh an tuim
Aig seilein riabhacha breaca srianach
Len crònan cianail as fiadhta srann.
Bha cus ra fhaotainn de chnothan caoine
'S cha b' iad na caochagan aotrom gann,
Ach bagailt mhaola bu taine plaoisg
A' toirt brigh a laodhan nam maothshlat fann;
Srath nan caochan na dhosaibh caorrainn,
'S na phreasaibh caola, làn chraobh is mheang;
Na gallain ùra, 's na faillein dhlùtha,
'S am barrach dùinte mu chùl nan crann.
Gach àite timcheall nam fàsach iomlan,
Am Màm is Fionn Ghleann 's an Tuilm ga chòir;
Meall Tionail làimh ris gu mollach tlàthail,
B' e chulaidh dh'àrach an àlaich òig;
Na daimh 's na h-èildean am madainn Chèitein
Gu moch ag èirigh air rèidhlean feòir,
Greighean dhearg dhiubh air taobh gach leargain,
Mun choire gharbhlaich dh'an ainm an Ceò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain Dhonnchaidh Bhàin air an cruinneachadh san leabhar The Songs of Duncan Bàn Macintyre, deasaichte le Aonghas MacLeòid (Oliver and Boyd airson an Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1952)
Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaRugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtairCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.