Òran Cladaich

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich agus na h-Òganaich.

This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: Art MacCarmaig, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich and na h-Òganaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro
'S dìridh don tiùrr mo dhùn math feamad mi.
Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro.

Greas, thugainn don tràigh
Tha bàrr a' bhraga ris,
'S Langaisgeir Mhòr
Is Langaisgeir Bheag tha ris.

MacRath is MacAnndaidh
Seall siud seachad iad;
'S Clann Mhurchaidh Mhic Ainndreis
Chrom don chladach iad.

Mur tèidear don tràigh
Bidh bàn iad m' fheannagan;
Thugam mo ghràpa
Thugam mo bheannag thoir;

Thugam mo chliabh
O thugam mo dhronnag, thoir;
'S mo dhà bhròig mhòir
'S mo chòta dronnaige.

Greas, geàrr, buain, geàrr,
Luath sàth do chorran innt',
'S e 'n fheamainn nì 'm bàrr,
'S e 'm bàrr nì 'n t-aran dhuinn.

O inneir an àigh
'M buntàta cinnidh leat;
'N sin sùgradh don t-sùil
'M bàrr-gùg air m' iomair-sa.

Mo chorc agus m' eòrna
Bòidheach cinnidh leat,
Sùist, suathadh is criathair
Griais dhuinn min nì dheth.

Greas, greasaibh a dhìreadh,
Muir chan fhuirich ribh;
Seo reothairt 'Ille Bhrìde
An tìde builichibh.

Seinneadairean / Performers

Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.