Òran Cheap Breatainn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: capercaillie agus Karen NicMhathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: capercaillie and Karen NicMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S tìm dhomh dol an òrdugh
Is teannadh ri òran
Mu 'n duine rinn an dobheart
Bu choire dhuinn 'aoireadh
Nuair leig e' n tèin' air fogradh
A-mach air feadh nam frogaibh
'S nuair chaidh e feadh na coinich
Bha 'n seo feadh an t-saoighail

Sèist / Chorus

Nach nar an sealladh e 's an Eilean
Smearsaid air feadh na beinne
Pàirceannan chuir 'n an tèine
Le coire chlann daoine
Nach nar an sealladh e 's an Eilean
Smearsaid air feadh na beinne
Pàirceannan chuir 'n an teine
Le coire chlann daoine

Gur e Dòmhnall Raghnaill
An uair sin bha 'n a èiginn
A' teicheadh às a lèine
Ag èigheach 's a' glaodhaich
Anna 's i fo ghruaman
Rannaidh an taobh shuas dhi
'S thug Alasdair as ruaig
Mar gu 'm bualach an caoch e

Sin far an robh smuid
Nuair a chaidh e 's an spruis dhlùth
Ghabh e mach air feadh a' Chùil
'S gur e 'n Grudair a dhioghail
Nuair loisgeadh air a' phàirc
Is a mhilleadh am buntàta
Ged theannadh iad ri bhathadh
Cha b' fheàrrde iad an saothair

Seinneadairean / Performers

Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.