Òran air a sgrìobhadh le: calum macAmhlaigh agus air a sheinn le: dùghlas macCoinnich, Kitty NicLeòid agus Magaidh NicAonghais.
This is a song written by: calum macAmhlaigh and sung by: dùghlas macCoinnich, Kitty NicLeòid and Magaidh NicAonghais.
Air fail a ra u
Fail eile 's a ra u
Fail eile 's a ra u
Hogaidh o 's na ho i
Och a Rìgh gur trom m' osna
'S fhada ò mo luaidh anochd mi
Mise tuath air Ceann Lochlainn
'S ise aig Loch an Fhir Mhaoil
Dh'fhalbh i, ghlais i leinn dhaichaigh
Chuir i chuairt ud air Arcaibh
Cruinn ùra 's siùil gheala
Tìde mhara 's i leinn
Ged is math a bhith seòladh
'S olc a tha i 'gam chòrdadh
'S mòr gum b' fheàrr a bhith 'm Bòsta
Cur an eòrna 'san raon
Ach nam bithinn-sa aig baile
A shamhradh 's a dh' earrach
'S mi nach leigeadh mo leannan
Ri balach gun strìth.

Rugadh Magaidh NicAonghais an Glaschu ged a tha a dachaigh an-diugh ann an Siorrachd Àir. Tha i na seinneadair agus na neach-cluiche ...
Fiosrachadh air Magaidh NicAonghais / Learn more about Magaidh NicAonghais
Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...
Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.