Òran an Amadain Bhòidhich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, Iain Mac Ille na Brataich agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, Iain Mac Ille na Brataich and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn,
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan.

Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan;
Gur gil thu, ghràidh, nan sneachda bàn,
A' cur air àrd na monaidhean.

Gur gil thu, ghràidh, nan sneachda bàn,
A' cur air àrd na monaidhean;
Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.

Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.
Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.

Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear.

'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear;
'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i.

'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i
Och, 's i mo mhàthair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!

Och, 's i mo mhàthair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!
'S nuair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'.

'S 'n uair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.

'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.
'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, ghaoil, gin tuilleadh dhomh.

'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, 'ghaoil, gin tuilleadh dhomh.
Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.

Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh,
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.

Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh,
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.
Mi 'n-diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.

Mi 'n-diugh 'san dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.

O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.
'S a Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn,
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.

Cuspair an Òrain

A rèir na sgeòil rinn mac tuathanaich an t-òran seo do nighean a bha na banaraich aig athair. A rèir coltais bha spèis mhòr aige dhith, agus nuair a mhothaich a mhàthair dha seo, cha robh i idir air a dòigh.

Aon fheasgar chunnaic a mhàthair gun deach an nighean ga nighe fhèin anns an abhainn. Nuair a thill a mac dhachaidh dh' innis i dha gu faca i tunnag bhrèagha air an abhainn. Gun dàil thog an gille a ghunna, 's rinn e air an abhainn. Tha an t-òran ag innse mar a thachair agus tha an t-ainm 'Òran an Amadain Bhòidhich' ag innse gun deach e às a chiall nuair a chunnaic e gun do mharbh e a leannan.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Iain Mac Ille na Brataich

Rugadh Iain W. M. Mac Ille na Brataich air 13 Lùnastal, 1932, anns an t-seann mhansa ann am Baile mo Thatha, far an robh a ...

Fiosrachadh air Iain Mac Ille na Brataich / Learn more about Iain Mac Ille na Brataich

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.