Òran an Aithreachais

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh agus air a sheinn le: Iain Mac a' Phì.

This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh and sung by: Iain Mac a' Phì.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hi rithill uthaill agus hò,
Mo chridhe trom 's chan annasach,
Cùl a thoirt ri m' ghruagaich ghrinn,
Gur ann leam fhìn is aithreach e.

Saoilidh gillean bhios gun dòigh,
Gur bòsd ro mhòr 's e 'm barail e,
A bhith tric 's na taighean-òil
'S an tòir air mòran chaileagan.

'S olc an obair e, 's chan fhiach
Bhith 'g òl gum fiaradh car annad;
Bidh gach neach a chì do dhòigh,
'S do ghòraiche ri fanaid ort!

'S ionnan sud 's mar dh'èirich dhòmhs';
Thug faoineis mhòr an car asam,
'S gum bi mi caoidh fhad 's bhios mi beò
Nach deach mi òg nam fhaireachadh.

Sguiridh sinn buileach dhen ghnìomh
'S gun cuir sinn srian rir n-amaideachd,
'S cha bhi sinn fhad 's a nì sinn triall
A' pògadh bial nan glainneachan.

'S tric mi cuimhneachadh air dòigh
Na h-ìonaig òig bu leannan dhomh,
Le cridhe tùrsach, trom, fo leòn,
Gun fhonn, gun cheòl, bhon dhealaich sinn.

Bha gach mais oirr' a dh' fhaodt' àireamh,
Caomhal, bàidheil, ceanalta,
Bòidheach mar an ròs fo bhlàth,
Le òige, fàs, is fallaineachd.

Bha bian mar eal' air aodann lòin,
'S a gruaidh mar ròsan lainnearach,
'S na bilean tana, dearg bu bhòidhch'
Bhon tigeadh còmhradh caithreamach.

Gu socair ciùin fo mhala chaoil
Bha 'n t-sùil bu chaoine shealladh oirnn,
'S an aghaidh fhlathail, mhaiseach, chaomh,
A' snàmh le gaol is faireachadh.

Bha cridhe glan an com na rèit,
'S bu mhodhail, beusach, banail i;
Cha chreidinn oirre ach taghadh sgeul,
Ged bhiodh a' Chlèir ga aithris dhomh.

Thus' aig 'eil an t-sùil dan lèir,
Mun sìn thu 'n ceum a mheallas ort,
Biodh agad fios gu'n tagh thu 'n tè
Don toir thu spèis, 's a leanas tu.

Cuimhnich faisg air ceann do rèis
Nach dèan thu feum dhen aithreachas,
A' stiùireadh do chùrsa leat fhèin
'S do shùil an dèidh na chailleas tu.

A fhleasgaich òig tha tric air chuairt,
'S a chluinn mo dhuan, gabh earail bhuam;
Na seas, na èisd, 's na crom do chluas
Ri fuaim luchd-tuaileis chaileagan.

Cuimhnich fhèin a liuthad uair
'S cho tric 's a chual thu 'n sean-fhacal -
Ged 's lìonmhor tè bheir cròic air cuaich
Gur tearc air buailidh banaireach.

Bidh iteag bhòidheach air na h-eòin
Bhios àrd a' seòladh thairis ort,
Is adharc fhad' air mart an ceò:
'S e fear gun dòigh nach aithnich siud.

Ach 's cùram leam mu chrìoch mo lò
Bhi 'n fhàrdaich fhàis 's gun bhean agam,
'S tè bheireadh sunndach dhomh a làmh
Na h-aingeal-gràidh aig fear-eigin!

Seinneadairean / Performers

Iain Mac a' Phì

Iain Mac a' Phì

Rugadh Seonaidh Mac a' Phì, mac Aonghais Catriona, ann an Àird na Mònadh, anns an Iochdar, Uibhist a Deas, air 27 An Gearran, 1940. B' i Ceit ...

Fiosrachadh air Iain Mac a' Phì / Learn more about Iain Mac a' Phì

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.