Òran air a sgrìobhadh le: Seonaidh Caimbeul agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein agus Iain MacAonghais (Iain Pheadair).
This is a song written by: Seonaidh Caimbeul and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein and Iain MacAonghais (Iain Pheadair).
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca,
'S ghabh i an cuan tuath gu Sealtainn;
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.
Gura mise tha gun cianail
An Ceann Phàdraig aig an iasgach,
Is mòr a fhuair sinn ann do mhìobhadh
Ged a dhèanamaid am barrachd.
Nuair a rànaig sinn an t-àite
An robh na mucan mòra tàmhachd
Thuirt e "Tilg a mach an trail
'S gun bi i làn againn 'sa mhadainn."
Anns a' mhadainn moch Dì-Màirt
O, 's ann oire bha an coltas grànda,
'S chuir iad mis dha 'n druim-àrca
Gus na chaill mo làmhan an craiceann.
Nuair a fhuair sinn uile air bòrd iad
Chuir sinn ar guaillean fon fhoremast;
Chaidh e suas gun duine leònadh
Mar a dh'òrdaich Rìgh nam Feartan.
Nuair a fhuair sinn air a dòigh i
'S ceithir chinn a staigh 'san fhoresail
Rinn sin am mizzen a low'radh
'S sheall i air an Òrd an Gallaibh.
A' dol seachd Inbhir-Ùige
Bha i an iar dheas 's i 'na smùid às,
Bodach na curraice 'ga stiùireadh
'S cha robh cùmhnadh aig' air a h-astar.
A' dol seachd Bàgh an Teampaill
B' aognaidh a coltas 'san àm sin
Sheas am bodach iomadh geamhradh
'S thànaig car na cheann an là ud.
'S mu 'n do ràinig i Ceann Phàdraig
Cha robh guth air cràdh na làimhe,
Air eagal gun rachadh mo bhàthadh
'S nach fhaicinn gu bràth mo leannan
Nuair a fhuair sinn chun na tìre
'S a bha an t-uallach far ar n-inntinn,
Thòisich a h-athair ri brìodal
"An gabh thu Sìne, 's gheibh thu a ceannach?"
Ged a bha mi aotrom gòrach,
'S mi gun airgead ann am phòca,
Smaoinich mi nach robh i dòigheil
Gu tarruing na mòna dhachaigh.
Sin nuair a labhair a màthair,
"Tha i cho math air an t-snàthaid,
'S cumaidh i riut aran sàbhailt
Gun aon fheàirdin chur sa cheannach."
Ach, ged a bha iad cho bialach
Air son 's gun faigh iad 'san lìon mi,
Thuirt mi nach robh fhios dè dhianainn
Nuair a bhiodh an t-iasgach seachad.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinRugadh Iain MacAonghais, Iain Pheadar, ann an 1907 air Taobh a Deas Loch Baghasdal an Uibhist a Deas, coimhearsnachd a bha air leth beartach a ...
Fiosrachadh air Iain MacAonghais (Iain Pheadair) / Learn more about Iain MacAonghais (Iain Pheadair)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.