Òran a' Phort Sydney

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) agus air a sheinn le: Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry).

This is a song written by: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) and sung by: Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair rinn am Port Sydney leinn seòladh tron oidhch'
Le seisear à Leòdhas de sheòladairean grìnn,
'S e 'm mate nach robh dòigheil gar faicinn fon dram
'S a' cluinntinn na Giidhlig gu làidir ga seinn.

Nuair a sheòl sinn à Lunnainn bha i fuar agus reòtht' -
'S e sin dh'fhàg na balaich ag òl san taigh-òst';
'S Nuair thàinig àm dùnaidh chaidh cuid aca air bòrd,
'S cuid a Bhùth Tarzan, son tuilleadh ri òl.

'S a-mach air an t-slighe chaidh ar n-obrachadh cruaidh -
Bha fallas a' ruith dhinn na shruthan beag luath,
Sinn shìos as na tuill aic, le basgaidean guail,
'S a' winch gan tarraing le cabhaig a-nuas.

Bha 'm bosun ri 'g èigheachd rinn shuas bhon deic àrd
Sinn lìonadh na basgaid na b' aithghearr 's na bu làin,
Ach dh'èigh e ro thric rinn, 's chaidh fear dhinn an-àird -
Chaidh breith air 's a chrathadh 's a leagail gu làr.

'S nuair ràinig sinn New Zealand, New Plymouth a' chiad àit';
A sin a dh' Abuia - baile beag nan cnoc àrd:
Na bha pheanta na toiseach, gach ròp agus sàbh,
Chaidh a chreic an Abuia ri bodaich an àit'.

Seo crowd dha na balaich bha againn air bòrd -
Bha Caimbeulach Ghrabhair, MacCoinnich 's MacLeòid;
Tric iadsan ri 'g ràdh, ma thig crìoch air a' bhòids',
Gur ann thèid iad dhachaigh a dh'obair a' chlò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Gheibhear tuilleadh de bhàrdachd Dhonnchaidh anns an leabhar Clachan Crìche, a dh'fhoillsich Comann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath ann an 2005.

Seinneadairean / Performers

Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry)

Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry)

Rugadh Murchadh Moireasdan, Murchadh Harry, Murchadh Aonghas Mhurdsaidh, ann an Tolastadh bho Thuath air 26 Cèitean, ...

Fiosrachadh air Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry) / Learn more about Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.