Òran a' Phension

Òran air a sgrìobhadh le: calum macFhionghain (Calum Ruadh) agus air a sheinn le: Ceit Bochanan.

This is a song written by: calum macFhionghain (Calum Ruadh) and sung by: Ceit Bochanan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha lagh ùr a' lùib nam bodach,
Tha lagh ùr a' luib nam bodach,
Airgead ùr air tighinn dhan dùthaich,
H-uile stiùire riutha an crogan.

'S iomadh bodach rucach, ròcach,
Nach robh dùil aige ri pòsadh,
'S nuair a fhuair e 'n t-airgead pòcach
'S ann a thòisich e ri bagairt.

'S iomadh cailleach air a slìobadh,
Coimhead uabhasach rìomhach,
'S nuair a fhuair i 'n t-airgead dìleab
'S ann a chuir i cìr na logaidh.

Feumaidh iad cìr agus sgàthan,
Ceann gun bhuaireadh gu màireach,
Smaointinn g' eil a' ghrian air deàrrsadh,
Air an tràigh, nach fheàrr na crògach.

Nochdaidh iad a-mach mu Bhealltainn,
Coltas chuagair as t-samhradh,
Brògan kit orra ga sealltainn,
'S bròn mu call an t-seann fhasan.

Seinneadairean / Performers

Ceit Bochanan

'S ann à Bruairnis am Barraigh a bha Ceit Bochanan, Ceit Ruaraidh Iain Bhàin. Bha a h-athair, Ruaraidh Iain Bhàin, a dh'eug aig aois 86 ...

Fiosrachadh air Ceit Bochanan / Learn more about Ceit Bochanan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.