Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacNèill (Blùgo) agus air a sheinn le: Seonaidh MacGillìosa.
This is a song written by: Dòmhnall MacNèill (Blùgo) and sung by: Seonaidh MacGillìosa.
Sèist / Chorus
Fire, faire, feadh a' bhaile aig na mnathan aosda,
Cha chreid iad nach e breitheanas tha 'n dèidh tighinn an taobh seo,
Coidseachan gun ghearrain air an talamh tarraing dhaoine,
Saoil sibh nach nach e 'n t-Aonadh thug saorsa dhan nàmhaid!
Gur mise ghabh an t-eagal, 's cha bu bheag a ghabh mi dh'uabhas,
Nuair chunnaic mi chùis-eagail, rinn e fead aig Guala Shuarbi,
Chan fhanadh e ri bheannachadh, dol seachad aig taigh Ruaraidh,
'S chan fhaca mi cho luath ris dol suas a' Chlach Àrd.
Tha fear dhiubh ann a' Sgèabost 's gur aighearach iad fèin leis,
Na faiceadh sibh na h-innealan nis an dèidh an gleusadh,
Là thug iad Lachlainn leotha choimhead air taigh Ghèsto
Cha tilleadh esan dhachaidh ann, ged gheibheadh e dha fhèin e.
Sin nuair thuirt Lachlainn ris, "Mo thruaighe mar a dh'èireas!
A Choinnich, nì thu marbhadh, chan fhalbhainn chon na fèill leat.
Innealan gun tùr, gur e ùilleadh tha gan gleusadh,
B'fheàrr leam na brùidean bhiodh ùr bhàrr an t-slèibhe."
'S ann bhios gach cailleach fhearaideach gu h-ealamh dhìom a' faighneachd,
"Cò ris a tha e coltach, na 'm bi e muigh san oidhche?"
Nach iongantach na Sasannaich, gach fear a thèid na bhroinn dhiubh,
'S ann chualas a-raoir gur ann san Fhraing rinneadh àd.
Chan urrainn mis' a choltas a chuir idir ann an clò dhuibh
Tha e air ceithir chuibhlichean grinn agus ròb orra;
Strìochagan de pheanta tarsainn air an t-sròin aige,
Cha b' urrainn mi ga aithneachadh, chan fhanadh e rium dòigheil.
'S e ainm ta air an uidheam sin ta siubhal leoth' gu h-èibhinn
Thig i mar an dealanach à Sasann do Dhùn Èideann;
Thèid i don a h-uile àit', nam b' urrainn i san fhèithe
Gur e motor-càr a their càch ris sa Bheurla.
Sìos Cille Mhoire, thàinig Cron a-mach à saibheir;
Dh'èigh e, "Mhic an Donais, air do shocair!" ris an dràibhear;
Air dha-san bhith na Shasannach cha tuigeadh e a' chainnt seo
'S mharbh e gamhainn Gallda teann air Cnoc Holl.
Suas bruthach Mìobhaig cha ruitheadh e ach mall dhaibh,
Mach a nochd am Breabadair is dileag anns a' cheann aig';
E 'n dùil gur e beairt-fhighe bh' ann, an dèidh tighinn bhon Bhan-Rìgh
Ghabh e staigh a-rithist, 's rinn e sliobhagan den t-seann tè
(Na facail à Gairm, Àireamh 52, Am Foghar 1965)
Tuilleadh Fiosrachaidh
Chaidh an t-òran a dhèanamh don chiad chàr a chaidh tro Thròndarnais, goirid an dèidh 1900 agus a rèir na sgrìobh Tormod Dòmhnallach, a dheasaich na facail airson Gairm, ged a rinn Dòmhnall MacNèill a' chiad sia ceathramhnan, chuir fear Mac an Aba, a bha na mhaighstir-sgoile an Cille Mhoire, na dhà mu dheireadh ris.
Seo mar a thug Seonaidh iomradh air a' chiad chàr air an robh cuimhne aige fhèin ged nach robh e cinnteach gur ann mun chàr seo a rinneadh an t-òran.
"Tha cuimhne agam air a' chiad chàr a thàinig chun an Taobh Sear. Thàinig e gu ruige Flòdaigearraidh. 'S nuair a bha e a' falbh à Flòdaigearraidh a' dol a-null taobh Ùige, mach am Bealach, bha na h-eich a-muigh ann a' Sairteal aig àm an t-samhraidh.
'S bha na h-eich a' dol à cochall an cridhe ron a' chàr agus chùm iad air a' rathad mhòr ron a' chàr, 's bha esan a' dùdach as an dèidh. 'S chaidh iad a-mach air a' bhealach, 's tharraing iad a-mach air barraibh nan creag 's thàinig iad a-staigh ann am bealach, a' chiad bhealach fosgailte a bha sin os cionn na Cleit.
'S chaidh iad sìos leis a' bhealach, 's chaidh a' chuid bu mhotha dhiubh a mharbhadh. Cha chreid mi gu robh ann ach aonan a bha beò dhiubh, a bhàsaich a-rithist. 'S bha searrach ann, 's cha deach dochann sam bith a dhèanamh air an t-searrach. Bha searrach beò, 's chaidh an còrr dhiubh a mharbhadh as na creagan ann a' shin."
Rinneadh an t-òran le fear à Eàrlais, Blùgo a chante ris. Ghabh esan e-fhèin iongnadh garbh nuair a chunnaic e a' chiad chàr a' tighinn."

Rugadh Seonaidh MacGillìosa, Seonaidh Theàrlaich, ann an 1897. B' ann às an Dìg ann a' Stafainn a bha e. Bha sianar san teaghlach, nam measg ...
Fiosrachadh air Seonaidh MacGillìosa / Learn more about Seonaidh MacGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.