Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacAoidh agus air a sheinn le: donnie moireach, louis moireasdan agus Murchadh MacLeòid (Sgiotaran).
This is a song written by: Calum MacAoidh and sung by: donnie moireach, louis moireasdan and Murchadh MacLeòid (Sgiotaran).
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich;
An t-ìm a thug na ceannaichean dhuinn dhachaigh às an Òlaind
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
Tha cuid ag ràdh g' eil stamhan ann,
G' eil feamainn dearg a' chladaich ann,
Cuid eile gur e blanaig na muic'-mhara th' ann an tòrr dheth.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
An t-ìm as fheàrr a fhuaireadh ac'
Gu bheil e bonn 's a luach oirnn,
Gun dùisg e ormsa gruaimean chur air uachdair arain-eòrna.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
Biadh nan Gall cha chaomh leinn e
'S e dh'fhàg iad fhèin gun chlì annta,
Cha mhoth' iad na sìthichean tha 'n taobh na Beinne Mòire.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
Bidh e 'n-còmhnaidh 's fiamh air,
Agus eagal ron a' sgian air,
Is chan iarr e bheag a liàcradh gu leudaich e gun òrdugh.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
O siud an t-ìm a shàraich mi
Is cha b' e ìm nan àrd-bheannan;
Cha d' rinneadh air an àirigh e, no 'n àit' a b' aithne dhòmhsa
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
Nach seall sibh air a' chìocharan
Nuair gheibh e a' chiad fhiacail aig;
Gur seo an nì a dh'iarras e, 's dè an t-iongnadh ged nach mòr e?
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
An t-ìm a thug na ceannaichean dhuinn dhachaigh às an Òlaind
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.
Chaidh margarine, no magarine mar a chante ris le cuid, a chlàradh mar stuth airson a' chiad uair air 15 Iuchar, 1869. B' ann as a' Fhraing a rinneadh seo.
Rugadh Murchadh MacLeòid (Sgiotaran), Murchadh Beag 'an Choinnich, ann am Fìbhig, ann am Bràgar, ann an 1914. B' e Iain Choinnich an Iarainn a chante ...
Fiosrachadh air Murchadh MacLeòid (Sgiotaran) / Learn more about Murchadh MacLeòid (Sgiotaran)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.