Òran a' Ghuga

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

This is a song written by: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S hè rò ghuga, hò rò ghuga,
Hè rò ghuga, 's tu bha càilear,
Cha bhi mise chaoidh an tional
Far am bi daoine dèanamh tàir ort.

Bha fear agam an-dè gu m' dhiathad,
Pìos dhan t-sliasaid, chaidh mi 'n sàs innt',
Ach bho fhuair mi idir sìos e
Cha do dh'iarr e thighinn an-àirde.

Ach fhuair mi pìos do dh'fhear an-uiridh,
O, mo chreach! Mo chreach-sa thàinig!
Nuair a chaidh e gu mo thruinnsear
Bha mi tinn fad làrna-mhàireach.

Dh'fheuch mi pìos na mo bheul dhe
'S dhiùlt m' fhiaclan dhol an sàs ann,
'S cho fad 's a bhios mi beò bidh cuimhn' air
Fad na h-oidhch' le stamag chràiteach.

Bha 'm pìos a dh'fhàg mi, dh'fhalbh an cat leis,
Chaidh e mach gu taobh a' ghàrraidh,
Rinn e ruith is their e meulaich,
Chrath e cheann is thug e ràn às.

Fear a' reic rium fhìn an guga,
Cha mhòr nach mionnaichinn an-dràsta,
Gur e bh' aige trùilleach starraig,
Mharbh e timcheall nam pàircean.

'S iomadh seòrsa feòil is iasgan
A dh'ith mi riamh air feadh gach ceàrnaidh,
Ach cho milis ris a' bhiadh ud
Cha do dh'fheuch bho dh'ith sinn bàirnich.

'S ma bhios sinn beò aig an ath thìd'
Tha sgioba a' cùm ri dol gu sàl innt',
Mi fhìn is Iain Ruadh is Tìoman,
Tillidh sinn le mìle 's còrr dhiubh.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.