Òran a' Chàbhaill

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan (Jellicoe) agus air a sheinn le: Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).

This is a song written by: Murchadh Moireasdan (Jellicoe) and sung by: Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).

Facail an Òrain / Song Lyrics

O, faca sibh a' chulaidh air a bheil na sgiobair Tormod?
O, faca sibh a' chabhall ud, a' chabhall a tha dealbhach?
Gu dearbha fhèin tha cearcall oirr', 's tha cas innt' nach eil cearbach,
Is chuir iad an t-slat drom' oirre le ribheidean is tairgean.

An taigh-thàbhaidh a rinn Ragaidh, O, am faca sibh e, bhalachaibh?
Cha chreid mi fhìn ged chanainn e nach beireadh i air cearban;
Tha Sgonaidh 's e na sgiobair oirr', tha tuigse mhath an Tormod
Gu bhith roinn nan cudaigean nuair thig iad dhachaigh anmoch.

Tha Dòmhnall Thomain 's suigeart air gu tric ag iarraidh maorach,
Tha croman-sgruim is peil' aige, 's gun teagamh tha e saothrach;
Gu tric e 'n cladach Sgiogarstaidh sna sgeirean, 's tha e daonnan
A' coinneachadh nan eathraichean gu faigh e bhuapa crùbag.

Gu tric a-muigh sa mhadainn iad gu moch mun dèan sinn dùsgadh,
Bidh iad a' falbh nan cladaichean gun anam ach an triùir ac';
Buntàta ruadh a' bhail' againn chan fhaigh iad nise caomhnadh,
'S mus bi an seusan seachad ac', glè fhalamh bhios gach cùil dhiubh.

Mus teirig nis am foghar seo bidh Ragaidh 's e na chiùirear,
Tha iad ga reic 'nam peileachan, 's air tasdan gheibh thu taosg bhuap;
'S nuair lìonas iad na baraillean 's thèid iad air feadh na dùthcha,
Faodaidh luchd an sgadain dhol a chadal is gun dùsgadh.

Ighneagan a' bhail' againn a chleachd bhith dol chun iasgaich,
Cha tèid sibh nis a Shasainn, O, cha leig sibh leas am bliadhna;
Chan fhad 's gu faic sibh Ragaidh aig an doras ga ur n-iarraidh
Gu sgoltadh dhaibh na cudaigean, 's na cutagan chan iarr sibh.

Nì mi nis co-dhùnadh ann an dùil gum bi sibh sealbhach,
'S gu soirbhich leis an triùir agaibh 's nach dìobair culaidh Thormoid;
'S e sgiobair math da-rìribh e, 's tha innleachdan tha garbh ann,
'S tha feagal mòr air daoine seo gu sgrìob na laoich an fhairge.

Seinneadairean / Performers

Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin)

Rugadh Uilleam Moireasdan, Uilleam a' Ghladstoin (1915-1981), ann an Lìonal, mac Dhòmhnaill Thòmais agus Chairstìon' Iain, às na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis. Bha ...

Fiosrachadh air Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin) / Learn more about Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.