Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: innis macLeoid.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: innis macLeoid.
Oidhche dhomh 's mi suirghe
'S mi na mo bhalachan òg
Thuirt iad rium gun lorgainn i
Fo shàil nam beanntan mòr
Chaithris mis' an oidhche sin
Is roinn den mhadainn òg
'S nuair chaidh mi dh'iarraidh rùm oirre
'S ann thog a' mhaighdinn sròin.
Is beag tha fhios aig pàisdean
Cho sàthraichte 's a tha 'n gaol
Dheidhinn chun na h-àiridh
Air sgàth 's gu faicinn i
Is shiùbhlainn troimh na fàsaichean
'S chan fhairichinn nàdar sgìths
Nan 's nan tugadh tu car làimhe dhomh
Gu faigheadh m' inntinn saors'.
A rìbhinn a bheil cuimhn agad
Do choibhneas bho chionn ràith
An oidhche chaidh mi shealltainn ort
An dùil gum faighinn àit
Le briseadh cridhe mheall thu mi
'S toil inntinn dha mo chràidh
'S tu 'n-diugh mar shneachd a' gheamhraidh dhomh
Air mullach beanntan àrd.
Ach innsidh mis' an t-seòrsa dhuibh
A chòrdadh ri mo chàil
Caileag laghadh, bhòidheach
À Leòdhas nam beann àrd
Tè gun uaill gun mòr-chùis
A shuidheadh stòlt' ri càrn
A bhruisigeadh mo bhrògan dhomh
'S a bhleòghnadh bò air blàr.
Sguiribh dha ar gòraich
's bi sibh tòrr nas fheàrr
Dèanamh airson pòsadh
Fhad 's bhios ar pòcaid làn
Ma chì sibh caileag bhòidheach
À Leòdhas nam beann àrd
Thoir tairgse 's airgead pòsaidh dhith
'S bi còmhla rithe gu bràth.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.