Òran air a sgrìobhadh le: Fionnghal NicEacharna agus air a sheinn le: Criosaidh M. NicDhòmhnaill, criosaidh nicNèill, Kathleen NicDhòmhnaill agus marion mhoireach.
This is a song written by: Fionnghal NicEacharna and sung by: Criosaidh M. NicDhòmhnaill, criosaidh nicNèill, Kathleen NicDhòmhnaill and marion mhoireach.
Sèist / Chorus
Òganaich an òr-fhuilt bhuidhe,
Leat a chinneadh sealg is sitheann;
'S ann ad ghruaidh a bhiodh an rudhadh
Nuair a bhiodh tu siubhal bheann.
Nuair a dhìreadh tu na stùcan
Leis a' ghunna chaol nach diùltadh,
'S i do luaidhe ghorm is d' fhùdar,
Chuireadh smùid air feadh nan gleann.
Dhòmhsa b' aithne cuid ded àbhaist,
Ged nach innis mi ach pàirt dheth –
Sitheann à beinn is iasg à abhainn
Nuair a thairgneadh càch an t-srann.
Òganaich an òr-fhuilt shnìomhain,
Dh'fhàg thu saca trom air m' inntinn;
'S mur a till thu nall don tìr seo,
Mo thoil-inntinn bidh air chall.
'S lèir a' bhlàth siud air mo ghruaidh-sa,
Gun tug mi dhut gaol nach fuaraich;
Dh'innis iad gun tug thu fuath dhomh,
Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt.
Ach nam biodh e mar bu mhath leam,
Bhiodh tu 'd bhàillidh air an fhearann-
Do chòir sgrìobht' o làimh Mhic Cailein,
Cha bhiodh m' earrann-sa dheth gann.
Ged a bhithinn ann an iarainn
Fhad 's bu bheò mi ga mo phianadh,
Cha leig mi do ghaol air dìochuimhn';
Seo a' bhliadhn' a liath mo cheann.
Rugadh Criosaidh "Denny" NicDhòmhnaill ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, air 9 Ògmhios, 1939. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, ...
Fiosrachadh air Criosaidh M. NicDhòmhnaill / Learn more about Criosaidh M. NicDhòmhnaill
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.