Och nan Och, Tha Mi Fo Mhulad

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri NicÌomhair agus air a sheinn le: cairistìona cheanadach, iain macAoidh, Cairistìona Cheanadach, dena nicÌomhair agus seinn aon neach (Mnathan).

This is a song written by: Màiri NicÌomhair and sung by: cairistìona cheanadach, iain macAoidh, Cairistìona Cheanadach, dena nicÌomhair and seinn aon neach (Mnathan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich,
'S cruaidh an càs, ach 's fheudar fhulang,
Nach fhaod mi fuireach ann ad chòir.

Tha mi nis an seo glè chianail,
Falt mo chinn gach là a' liathadh,
'S e bhith cuimhneach Leòdhas riabhach
Tha gam leagail sìos le bròn.

'S iomadh madainn bhòidheach shamhraidh
Bha mi ruith nan cnòc 's na gleanntan,
'S beag a shaoil mi ann san àm sin
A bithinn tha an-seo ri 'm bheò.

'S cuimhneachadh nam beanntan rìomhach,
Far is moch a dh'èireadh grian orr',
B' iomadh madainn 's oidhche bhreagha
Bha mi ann ri cualach bhò.

Ach thèid mis' air ais a Leòdhas,
Eilean còmhnard, seasgair, bòidheach,
Fanaidh mi gu crìoch mo lò ann
'S gheibh mi sòlas ann ri 'm bheò.

Seinneadairean / Performers

Cairistìona Cheanadach

Cairistìona Cheanadach

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...

Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona Cheanadach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.