Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Eàirdsidh Grannd.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Eàirdsidh Grannd.
'S 'ighneig mheall thu, mheall thu mi, o 'ighneig mheall thu mi,
A liuthad oidhch' a thuirt thu rium nach biodh ann ach mi,
Ach fhuair thu fear bu shaidhbhire, is mheall thu mi nad chridh',
O chionn 's gu robh crodh-laoigh aige, crodh-bainnne 's annlan tì.
Nuair chunnaic mis' an toiseach thu 's ann aig a' mhans ud shuas,
Latha dhomh 's mi spealladh ann, is tusa ceangail sguab,
Nuair thàinig àm na dìnneire bu bhòidheach leam do shnuadh,
Bha còta sgiobalt' ìosal ort, is polka tidy shuas.
'S truagh nach robh mi 's m' ighneig ri dìreadh as a' ghleann,
Tighinn bhon a' mhinisteir le bòidean, daingeann, teann,
Le cùmhnantan a' phòsaidh, 's le òrdugh bhuat bhon chlèir,
'S a' dol don leabaidh phòsta leat, co ris nach còrdadh e.
Cha tug mi gaol cho mòr dhut 's nach gabh e thoirt air ais,
Nach gabh e chuir air deuchainn cho fad 's tha 'n fheur fon èadhar,
Cha dìtear air mo shùilean, co-dhiù cha leig mi leas,
Oir gheibh mi tè cho umhail riut bheir rùn dhomh anns a' bhad.
Nì mi nis co-dhùnadh an dùil 's nach tòir mi buaidh,
'S gu faigh mi t' èile dhùnas mo bhòtann ùra suas,
Cha dìtear air mo shùilean, co-dhiù cha leig mi leas,
Oir gheibh mi tè cho umhail riut bheir rùn dhomh anns a' bhad.

Ged a rugadh Eàirdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gàidhlig mar chiad chànan. Bha e seachd bliadhna ...
Fiosrachadh air Eàirdsidh Grannd / Learn more about Eàirdsidh GranndCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.