Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain) agus air a sheinn le: Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain).
This is a song written by: Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain) and sung by: Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain).
O mo chlann tha an-diugh air m' aire,
'S O mo chlann tha an-diugh air m' inntinn;
Feuch nach fhàg sibh e ro fhada
Gun ar taghadh dhèanamh cinnteach.
Ged a bhuineadh dhomh bhith taingeil,
Is mar phàrant bhith fo fhiachan;
Mar a faic mi anns a' chrò sibh,
Chaoidh ri m' bheò cha bhi mi riaraicht'.
'S e mo ghuidhe sibh bhith tèaraint'
Ann an gàirdeanan Fear Saoraidh;
A thuirt "Fuilingibh" do na leanabaibh;
'S ann da seòrs tha 'm baile nèamhaidh.
'S nuair, a ghràidh, a gheibh sibh tuigse
Mis' bhith ann no às ar làthair;
Dèanaibh feum do là a' chothroim
'S gheibh sibh carthannas na ghràdh-san.
'S nis mas crìochnaich mi na roinn seo,
Taing do m' athar is do mo mhàthair
Airson an teagaisg thug iad dhòmhsa
Nuair a bha mi òg nam phàisde.

Thogadh Catrìona Chaimbeul, Catrìona an Tucsain, ann a' Siadar a' Chladaich air taobh siar Leòdhais. B' i an aon nighean san teaghlach ach bha ceathrar ...
Fiosrachadh air Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain) / Learn more about Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.