Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus còisir àrd-sgoil mhicNeacail.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and còisir àrd-sgoil mhicNeacail.
Sèist / Chorus
O dh'ith na coin na maragan 's na lùba dubh air Ruaraidh,

O dh'ith na coin na maragan 's na lùba dubh air Ruaraidh.
'S i Seònaid rinn na maragan, na maragan, na maragan,
'S i Seònaid rinn na maragan 's na lùba dubh do Ruaraidh.

Nuair dh'èirich mi sa mhadainne, sa mhadainne, sa mhadainne
Nuair dh'èirich mi sa mhadainne chan fhaighinn grèim air Ruaraidh.

Tha nead na circe-fraoich anns a' mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha nead na circe-fraoich anns a' mhuileann dubh o shamhradh.

Tha am muileann dubh air thuraman, tha am muileann dubh air thuraman,
Tha am muileann dubh air thuraman, 's e togairt dol a dhannsadh!

Tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuileann dubh o shamhradh.

Tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuileann dubh o shamhradh.

An cuala thu gun robh snaoisean sa mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
An cuala thu gun robh snaoisean sa mhuileann dubh o shamhradh.

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach GhlaschuCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.