Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÌomhair agus Jenna Chuimeanach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÌomhair and Jenna Chuimeanach.
Fuaim an uisge, fuaim na gaoithe,
Fuaim a' ghèile tha mi cluinntinn
'S eagal orm 's tu na do chuibhleir
Gun toir mac a' Ghoill do char as'd.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise tha gu brònach,
Cluinntinn fuaim na gaoithe mòire,
'S eagal orm-sa 's gun thu eòlach
Gun toir gaoth nan seòl a-mach thu.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th' air mo leònadh
Mach is dhachaigh às a' mhòine
Faicinn làraichean do bhrògan,
'S nach dèan an tuil mhòr am falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th' air mo lèireadh,
A ghràidh an cuala tu fhèin e?
Thuirt iad rium-sa gun d' rinn m' eudail
M' fhuath'chadh is tèile leantainn.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
Saoilidh fear ma bhios tè àlainn
Nach eil càil aig' ach a tàrsainn
Ach 's ann tha i ri glùin a màthar,
'S tòrr de fàilligeadh air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S iomadh oidhche ged bhiodh am bùrn ann
Ruigeadh tu mi ghràidh nad chrùban;
'S ged bhiodh m' athair air a ghlùinean
Dheigheadh tu dhan a' chùil air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S e mo cheist an fhìnealt àlainn,
'N t-aodann as an robh an deàrrsadh;
Dhèanadh cùl do chinn dhomh sgàthan
Nuair a ghràidh a bha thu agam.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a màthair agus tha piuthar nas ...
Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna Chuimeanach
Chithear Ceitidh Magaidh na suidhe air an taobh chlì dhen ...
Fiosrachadh air Ceitidh Magaidh Mhoireasdan / Learn more about Ceitidh Magaidh MhoireasdanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.