Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macCuinn agus air a sheinn le: bette c. nicDhòmhnaill, Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain agus katrina nicDhòmhnaill.
This is a song written by: donnchadh macCuinn and sung by: bette c. nicDhòmhnaill, Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain and katrina nicDhòmhnaill.
Nuair thig oirnn an samhradh b' e m' annsachd 's mo mhiann,
Bhith dìreadh a' bhealaich nuair dh'èireas a' ghrian
Am feur air na raointean fo eallach de dhriùchd,
Is lùb air gach cuiseig, gach lus agus flùr.
Bu shunndach bhith 'g èisteachd san òg-mhadainn chiùin,
Ri ceilear na h-uiseig bràigh lòintean an driùchd,
I seinn òrain maidne le grinneas 's gach pong,
'S gach eun anns an ealtainn a' togail air fonn.
Tha 'n smeòrach gu cridheil san doire ud thall,
A' chuthag 's gùg-gùg aic' air mullach nan crann,
Grian òirdhearc a' boillsgeadh tro dhùmhlachd nan geug,
'S an driùchd air gach duilleig a' deàrrsadh mar reul.
Ged bhithinn fo mhìghean is m' inntinn fo leòn,
Mi airsneulach tùrsach neo-shunndach gun treòir;
Ged bhithinn gun spèiread is m' aigne fo phràmh,
'S e dh'fhuadaicheadh m' èislean bhith 'g èisteachd nan dàn.

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille ChiarainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.