Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Sheadha.
Sèist / Chorus
Nuair sheat sinn a cuid shiùil oirre
'S i fàgail Inbhir Uige leinn.
Nuair sheat sinn a cuid shiùil oirre.
Nuair a dh'fhàg i leinn an abhainn
Bha slios lom cho geal ri eala.
Bha i daingnicht' ann am balaist
'S cabhag chun na dùthch' oirre.
'S ann innte bha 'n giuthas làidir
Chaidh a bhuain an tìr Chanàain,
Ùrlar snìomhte mar na cnàmhan
Le na tàil a chrùnadh 'ad.
Cha b' e 'n gobha càil bu shuaraich
Chlins a' phràiseach bha na cruaidhean,
Boltaichean dhen iarainn Shuaineach -
Le na tuaigh a dhlùthadh 'ad.
Nuair a dh'fheuch sinn i gu fuaradh
'S e bun a' Ghlinn Duibh a bhuail i.
Mùirneag air timber an fhuaraidh,
'N Cuan a Tuath gu siùbhladh i.
B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...
Fiosrachadh air Cairistìona Sheadha / Learn more about Cairistìona SheadhaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.