Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa agus Kathleen NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa and Kathleen NicDhòmhnaill.
Sèist / Chorus
Nuair bhios mi leam fhìn
Bidh tu tighinn fainear dhomh
Bidh mi togail fonn
Air nigh'n donn nam meal-shùil
Nuair bhios mi leam fhìn
Bidh tu tighinn fainear dhomh
'S mise tha fo mhinginn
'S mi stiùireadh na birlinn
Ciamar bhios e dìreach
'S nach i a tha air m'aire
'S nuair chì mise 'n òigridh
San eaglais Di-Dòmhnaich
Chan fhaic mi ann an òigh
As bòidhche na mo leannan
Nuair bhios mi leam fhìn
Bidh tu tighinn fainear dhomh
'S thig iad as gach àite
Far mullach nan àrd-bheann
Cìobairean is tàillearan
Gam fhàgail falamh
'S ged thigeadh gad iarraidh
Mormhairean is iarlan
Na gabh aon dhiu 'm bliadhna
'S mise, chiall, bhith bhuat
Nuair bhios mi leam fhìn
Bidh tu tighinn fainear dhomh
'S ged thigeadh gad fharraid
Diùc agus fear-fearainn
Fan thusa mar a tha thu
Banail mar bu dual
H-uile te bheir luaidh dhomh
Bheir fear eile bhuam i
'S b'airidh mi air duais
A bhuaidh a bha 'gam leantail

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.