Nighean Donn na Mala Chrom

Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacColla (Bàrd Loch Fìne) agus air a sheinn le: dòmhnall macÌomhair agus iain tormod macsuain (Scalpaigh).

This is a song written by: Eòghann MacColla (Bàrd Loch Fìne) and sung by: dòmhnall macÌomhair and iain tormod macsuain (Scalpaigh).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A nighean donn nam mala crom
A nighean donn nan caoin-shùl,
A nighean donn bho 'm binne fonn,
Gur mòr mo gheall air t' fhaotainn.
A nighean donn nam mala crom.

A nighean donn as grinne cruth,
As binne guth 's as caoine,
Ge geal an cobhar air an t-sruth
'S ann bhiodh e dubh rid thaobh-sa.
A nighean donn nam mala crom.

Mu rùn a chaileag luinneagach,
Deagh bhanarach na sprèidhe
'S nach gèill an seòmar uinneagach,
Dh'aon chruinneig tha 'n Dùn Èideann.
A nighean donn nam mala crom.

Tè eile air bith da sgiamhaichead,
Na d' fhianais-sa cha lèir dhomh,
'S ann tha thu measg nan nìonagan,
Ceart mar tha ghrian measg reultan.
A nighean donn nam mala crom.

O 's truagh bhith 'n seo air Galltachdm
Nuair tha 'n samhradh is mo cheud-rùn
A' strì cò 's grinne dheàrrsas nis
Air àirighean Ghlinn-crèaran.
A nighean donn nam mala crom.

A rùin nam biodh tu deònach air
'S ar càirdean uile rèidh rinn,
Cha chuirinn tuilleadh dàlach ann;
Am màireach bu leam fhèin thu.
A nighean donn nam mala crom.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.