Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: noel eadie agus Pòl MacCalum.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: noel eadie and Pòl MacCalum.
Sèist / Chorus
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
B' àlainn, uasal buaidh do shinnsir;
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
Ghràdhaich mi do leannanachd.
'S ann a' fuireach thall sna cluaintean
Tha 'n nigh' bhàn a rinn mo bhuaireadh,
Mach o fhìor fhuil ghlain gun truailleadh,
Sìol nam buadh 's na lannaireachd.
An taigh-an-eas a thogadh òg thu
Fo sgàil taighe Taobh a' Chrònain,
Far am biodh na fèidh air lòintean,
'S lòin ri ceòl air mheangain dhut.
An àm don bharraich a bhith brùchdadh,
Bhiodh na smeòraichean a' dùsgadh
Air bhàrr gheugan a sheinn ciùil
'S a thogail cliù mo leannain-sa.
Basan mìne, caoine, tlàtha,
Meòir chaol, fhada dh'iomradh snàtha:
Càite am facas riamh thug bàrr ort
Tarraing snàthad tro anairtean.
Tha do chridhe mar an daoimean
Air latha grèine, 's e ri soillse;
'S e gun ghoimh, gun ghìomh, gun ghaoid ann:
'S mòr do loinn, 's chan ainneamh e.
Thug mi cion, 's chan fhaod mi àicheadh,
Do nighean duinn a' chuailein àlainn;
'S mòr gum b' fheàrr bhith suidhe làmh rith'
Na fìon Spainnt is caineal ann.
Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thàinig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...
Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalumCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.