Nan Ceadaicheadh an Tìde Dhomh

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: anna s. nicDhòmhnaill, catrìona nicÌomhair agus màiri mairead nicIllEathain.

This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) and sung by: anna s. nicDhòmhnaill, catrìona nicÌomhair and màiri mairead nicIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nan ceadaicheadh an tìde dhomh 's gun innsinn e do chàch
Mar a mheall an saoghal mi le faoineasan gun stàth,
Nuair bha mi meadhan sòlais le mo theaghlach òg 's iad slàn
Is mar a chaidh an sgapadh uam le freastal is le bàs.

Mo chridhe gheall e mòran dhomh nuair bha mi òg is faoin;
Gheall e iomadh seòrsa dhomh de shòlasan an t-saoghail;
Gheall e nuair a phòs mi dhomh gum bithinn beò gu aois,
Gum biodh gach nì mar dh'òrdaichinn, 's mo chòmhnadh ri mo thaobh.

Ach tha mo latha dol seachad mar tha sgàil is faileas luath,
'S na sòlasan chan fhaigh mi iad, tha iad ri teannadh bhuam,
'S mo theaghlach iad ri sgapadh bhuam, is fear ac' nach eil buan,
'S bhom chèile b' fheudar dealachadh chaidh eadar mi 's e 'n uaigh.

Fàsaidh smal air òr, 's fàsaidh còinneach air an aol;
'S thèid a' ghrian a còmhdachadh le ceò is le droch thìd',
Na lusan 's bòidhch' san t-Samhradh bheir an Geamhradh gu neo-bhrìgh
Ach gaol far 'n deach a dhaigneachadh cha tèid air chall an tìm.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.