Òran Leannanachd (Nam faighinn gille ri cheannachd)

Òran air a sgrìobhadh le: Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall) agus air a sheinn le: Calum MacIain.

This is a song written by: Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall) and sung by: Calum MacIain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nam faighinn gille r' a cheannach,
A bheireadh beannachd gu Màiri,
'S mo shoraidh le caoimhneas
A dh-fhios na maighdinn a chràidh mi;
Ga nach a tug mi dhut faoidhrein,
Ann am foill dhut cha d' fhàs mi:
'S mar a math leam thu fallain,
Nar a mheal mi mo shlàinte!

Nar a mheal mi mo chòta,
Mar b' e mo dheòin a bhi làmh riut,
'S a bhi brìodal rim leannan,
An seòmar daingeann na clàraidh,
An iuchair fhaotainn am phòca,
'S gun an tòir a bhi làimh rinn,
'S mi gun dèanadh do phògadh,
Gun fheòraich dom chàirdean.

Gun fheòraich dom chàirdean,
'S fada a dh' fhalbhainn ad choinneamh
Far an dèanainn riut còmhail,
Cha bhithinn beò gun a cumail:
Tha mo dhuil anns a' mhaighdinn
Nach trèig do chaoimhneas mi uile;
'S mar do chaochail thu àbhaist,
Gheibhinn d'fhàilt' agus d'fhuran.

'S e d'fhuran a leòn mi
A dh'fhàg am bròn seo air m' aigne,
A thromaich m' inntinn fo èislein,
Cha dèan mi èiridh le gradadh:
Tha mo chridhe neo-shunndach,
The mi brùite fom aisnean,
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dut,
'S nach fhaod sinn bhith tachairt.

Nach faod sinn bhith tachairt
An àite falaich no 'n uaigneas,
Far an dèanainn riut beadradh,
Is tacan cleasachd air uairean;
Ach 's e lagaich mo mhisneachd,
Nach faod mi tric bhith mun cuairt dhut:
B'fheàrr a phòg na bhith falamh,
Mar a faigh mi do bhuannachd.

Mar a faigh mi do bhuannachd
B'fheàrr gum buailte mi thairis
Gun càirte fon lic mi
Ann an ciste chaol dhaingean;
Ma nì thu mo thrèigsinn
B'fheàrr gun eugainn 's nach fanainn
Aig a' mheud 's thug mi spèis dhut
Chan eil m'èibhneas air thalamh.

Chan eil m' èibhneas air thalamh,
Mar a faigh mi thu, Mhàiri!
Cha dual domh bhith fallain
Ma bhios mi fada mar tha mi:
Cha ghuidhinn mo ghalar
Dom charaid no m' nàmhaid;
Chaidh acaid am chridhe,
'S cha dèan lighichean stàth dhomh.

Cha dean lighiche stàth dhomh
Chan fhaigh mi plàsda nì leigheas
Tha mo thrioblaid do-thuigsinn
Do dh'fhear nach d'fhairich a leithid;
Mur dean thusa rium fàbhar
Bidh mi cràiteach fo dheireas
Ach 's e dhèanadh mo shlàinte
Pòg no dhà bho d' bheul milis.

Beul milis, dearg, daite,
Deud snaighte mar dhìsnean,
Sùil ghorm is glan sealladh
Fon chaol mhal' aig an rìbhinn
Tha cùl buidhe mar òr ort,
Is bòidhche nan dìthean;
Blas na meal' air do phògan,
'S b' e mo dheòin bhi riut sìnte.

B' e mo dheòin a bhith sìnte
Ri slios mìn gheal mo leannain
Tha do bhràighe mar fhaoilinn
'S tha do thaobh mar an eala
Cìochan corrach 's iad liontaidh
Air uchd prìseil na h-ainnir
'S math thig nèapaigin shìoda
Gan cumail dìomhair air falach.

Ged chum mi falach an sgeul ud
Tha mi 'n dèidh bho cheann greis ort;
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dut
Tha m' aodann air preasadh:
Dh'fhàs glaise nam ghruaidhibh,
'S bochd a bhuaidh th' air an t-seirc sin,
A chaochail mo shnuadh dhìom,
Mar dhuine truagh thig à teasaich.

Mar dhuine truagh thig à teasaich,
A bhiodh fad ann am fiabhras,
'S ann a dh'fhàs mi mar fhuathaiche,
Cho cruaidh ris an iarann;
Ach bho thoiseach ar sinnsridh,
'S nì e thigeadh gun iarraidh,
An gaol agus eagal,
'S gun leisgeul an t-eudach.

Chan eil mi 'g eudach an-dràsta
Ged a tha mi fo smalan
Fo eagal le cùram
Gun dean thu lùbadh le balach;
Nach pàigheadh an t-umhladh
'S a bheireadh cùis dhiot a dh'aindeoin.
'S nam biodh d'fhuran aig Cìobair
'S ann leam fhin b'olc an airidh.

'S ann leam fhin b'olc an airidh
Ma mhealar an òg bhean
Le buachaille chaorach
'S mis' air faoin-tràigh gu m'fheòraich;
Mar faigh mi cuireadh gu d'bhanais
Airson carthanntachd eòlais
Ma bhios mi na dheidh maireann
Nì mi fhathast dhut òran.

Seinneadairean / Performers

Calum MacIain

B' e Calum Mac Iain fear den triùir ghillean a bha aig Aonghas Chaluim agus Catriona Aonghais ic Dhòmhnaill Mhòir ann am Barraigh. Rugadh e ...

Leugh fiosrachadh mu Calum MacIain / Learn more about Calum MacIain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.