Nach Truagh Leat Mi 's Tu 'n Èirinn

Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Dhùghlas agus air a sheinn le: Eilidh NicChoinnich, fiona cheanadach agus gillian nicChoinnich.

This is a song written by: Catrìona Dhùghlas and sung by: Eilidh NicChoinnich, fiona cheanadach and gillian nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Na hù o hi, na hù o hò
Hu o ù o eile
Na hù o hi, na hù o hò
Nach truagh leat mi 's tu 'n Èirinn.

'S ann their iad rium on chaidh thu null
Gum bi thu tric aig fèilltean
'S gum bi thu cuspaireachd le mùirn
Ri Màili ruadh an Èirinn.

Ged sheòladh tu air feadh a' chuain
'S ged ruigeadh tu an Èiphit
Cha thrèiginn thu air sgàth do chliù
'S cha toirinn gèill do bhreugan.

O nach robh agam sgiathan caol
Gun siùbhlainn thar na slèibhtean
Gu seinninn-sa mo dhuanag gaoil
Ri fear tha tàmh an Èirinn.

Seinneadairean / Performers

Eilidh NicChoinnich

Eilidh NicChoinnich

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...

Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.