Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh (Bàrd Iollaraigh) agus air a sheinn le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) agus Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh (Bàrd Iollaraigh) and sung by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) and Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
'S e mis' bhi fada bho thìr m' eòlais
Chuir le bròn gu gluasad mi
Bho'n tha 'n cianalas 'gam leòn
Gun eòlaich bhi mu'n cuairt orm
Fiachaidh mi ri teud mo bheòil
An cuir a 'n òrdugh duanag dhomh
Air Uibhist ghleannach ghorm an fheòir
'S air pàirt de dhòigh an t-sluaigh a th'ann.
Mullach Langais nuair a chì mi,
Bheir i inntinn shuaimhneach dhomh
'S aotrom a ghearras mi sìnteag
Dìreadh ris a' ghualainn aic';
Nochdadh sios ri Tìr an Àigh
'S ri tighean blàth an t-sluaigh a th' ann,
'S ri Eilein Bhoraghaidh air an tràigh,
Ged 's tric muir-làn ga chuartachadh.
'M Paibil, far 'n do bhlais mi tràth
Air bàidh na màthar bhuan-ghràdhaich
Far am fàs an t-eòrna 's fheàrr
Gu diasach, gràineach, dualanach;
Dh' àraich iomadh laoch gun sgàig,
'S na bàird a b' fheàrr a chuala sinn;
Bidh e tigh'nn gu m' chuimhne ghnàth
Gach coibhneas 's bàidh a fhuair mi ann.
Bu bhrèagha a' sealladh 'sa mhìos Mhàigh
Na raontan làn de ghruagaichean,
Air an aghaidh fiamh a' ghàire,
'S air an gàirdein buaraichean;
Dol do'n bhualaidh leis na laoigh,
Nì geum cho binn 's a chuala sinn,
An crodh 'gam freagairt aig a' chuidh,
'S gu 'm b'àrd a chluinnte nuallraich iad.
An Cille Mhoire 'n àm an òrduigh,
'S an àm am Bòrd a chuartachadh,
Dhìreamaid ri leathad Phòil,
'S bhiodh sealladh brònach, truasail ann,
Sean is òg a' sileadh dheòir
Air tolmain bhòidheach, uain-bhratach,
'S a' smaoineachadh luchd-dàimh nach beò,
Bhi sud fo 'n fhòd air fuarachadh.
Mnathan ciatach, tosdach, ciallach,
Modhail, rianail, luath-làmhach,
C' àit' an cualas riamh
An spìocaireachd bhi fuaighte riu?
'S minig thaisbein iad am fiallachd
'S iomadh gniomh le truacantas
Gur tric thug iad do'n acrach biadh
Is àite-dìon bho 'n fhuachd thoirt dha.
Tìr mo dhaoine, Tìr mo ghràidh,
Ged their càch gur duanaidh i;
Cha do dheàlraich grian air àite
Leth cho àlainn snuadh rithe;
Ged nach fhaicear innte craobh
Gu'm faicear fraoch is luachair innt'
Is muran dubh-ghorm na raoin
'S iad taobh ri taobh gu cuaileineach.
Tha cuid shliabh mar bha iad riamh,
Gu fasgach, fiarach, fuaranach,
Cnocach, gleannach, sgorrach, grianach,
Lusach, riasgach, cruachanach.
Far am faigh a' chaora diol
'S gun èis gu 'm biath i h-uan orra,
'S bheir iad daonnan do an fhiadh
A dheoch, a bhiadh, 's a chluasagan.
Tha 'n sealladh mu dheireadh de'n ghrèin
'S i 'n dèidh gach speur a chuartachadh,
Air fhaicinn 'na mo dhùthaich fhèin
'S i moch ag èirigh suas oirre;
Criochnaichidh mi an-diugh mo sgeul -
'Se tìm a ghèill 'san uair seo dhomh -
'S ged gheibhinn dusan saoghal féidh,
Cha chuir mi 'n cèill gach buaidh a th' oirr'!

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhàin. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.