Moladh Beinn Dòbhrain

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain agus iain macIlleMhìcheil.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain and iain macIlleMhìcheil.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An t-ùrlar:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain;
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam;
Monadh fada rèidh, cùil am faighteadh fèidh,
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.

Doireachan nan geug, coille anns am bi feur;
'S foineasach an sprèidh bhios a' còmhnaidh ann.
Greidhean bu gheal cèir, faghaid air an dèidh;
'S laghach leam an treud a bha sròineasach.

'S annsa leam nuair thèid iad air chrònanaich,
No na th' ann an Èirinn de cheòlmhoireachd;
'S binne na gach beus anail mhic an fhèidh
A' langanaich air eudann Beinn Dòbhrain.

An damh le bhùireadh fèin tighinn à grunnd a chlèibh,
'S fad a chluinnt' a bheuc an àm tòiseachaidh.
An t-agh is binne geum 's an laogh beag na dhèidh
Freagraidh iad a chèile gu deòthasach.

An siubhal:
Eilid bheag bhinneach bu ghuiniche sraonadh
Le cuinnean geur biorach a' sireadh na gaoithe;
Gasganach, speireach, feadh chreachainn na beinne,
Le eagal ro theine cha teirinn i 'n t-aonach;
Ged thèid i na cabhaig, cha ghearain i maothan.

Bha sinnsireach fallain nuair shìneadh i h-anail
'S toil-inntinn leam fanachd ga langan a chluinntinn,
'S i 'g iarraidh a leannain 'n àm daraidh le coibhneas.

'S e damh a' chinn allaidh, bu gheal-cheireach feaman,
Gu cabarach, ceannard a b' fharamach raoiceadh,
'S e ' còmhnaidh 'm Beinn Dòbhrain 's e eòlach ma froidhnidh.

An dara h-ùrlar:
Tha 'n eilid anns an fhrìth mar bu chòir dhith bhith,
Far am faigh i mìlteach glan, feòirneineach,
Bruchaireachd is cìob, lusan am bi brìgh,
Chuireadh sult is ìgh air a lòineanaibh.

Fuaran anns am bi biolaire gun dìth,
'S mìlse leath' nam fìon 's e gun òladh i.

Cuiseagan is riasg chinneas air an t-sliabh,
B' annsa leath' mar bhiadh na na fòlaichean.

An dara siubhal:
Tha leth-taobh na leacainn le mais' air a còmhdach,
'S am frith-choirean creagach na sheasamh na chòir sin;
Gu stobanach, stacanach, slocanach, laganach,
Cnocanach, cnapanach, caiteanach, ròmach.

Pasganach, badanach, bachlagach, bòidheach.
A h-aisridhean corrach; nam asraichean molach;
'S i b' fhasa dhomh moladh; bha sonas gu leòr oirre;
Cluigeanach, gucagach, uchdanach, còmhnard.

An treas ùrlar:
'S am monadh farsaing faoin g' acach, srònagach;
Lag a' Choire-fhraoich, cuid bu bhòidhche dheth;
Sin am fearann caoin air an d' fhàs an aoigh,
Far am bi na laoigh 's na daimh chròcach.

'S e deisearach ri grèin, seasgaireachd dha rèir,
'S neo-bheag air an èildeig bhith chòmhnaidh ann.
'S fallain glan a crè, is banail i na beus;
Cha robh h-anail breun, ge b' e phògadh!

Crun-luath:
Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo, chan amadan gun eòlas;
A leanadh i mar b' aithne dha, tighinn furasta na còmhdhail;
Gu faiteach bhith na h-earalas tighinn am faisge dhi mun caraich i
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire.

Feadh shloc is ghlac is chamhanan is chlach a dhèanadh falach air,
Bhith beachdail air an talamh 's air a' char a thig na neòil air.

B' ionmhainn le fir cheanalta nach b' aineolach mu spòrsa,
Bhith timcheall air na bealaichean le fearalachd na h-òige;
Far am bi na fèidh gu faramach, 's na fir nan dèidh gu caithriseach.

Le gunna bu mhath barantas thoirt aingil nuair bu chòir dhi.
'S le cuilean, foirmeil, togarrach gam biodh a stiùir air bhogadan,
'S e mìolairtich gu sodanach 's nach ob e dol nan còmhdhail.

An t-ùrlar mu dheireadh:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam
Monadh fada rèidh, cùl sam faighte fèidh
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.